Pàipearan-baileat Chàrlabhaigh sa phost

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun deach còrr air 500 pàipeir-baileat a-mach chun nan daoine a tha a' fuireach air oighreachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas, a' faighneachd dhaibh a bheil iad ag iarraidh sealbh a ghabhail air an fhearann.

Bu chòir dhan a h-uile duine paipeir baileat fhaighinn an taobh a-staigh beagan làithean.

Feumar an tilleadh chun na Comhairle ro 4:00f air 24mh an Gearran.