"Fuirichidh an not san RA"

Seòras Osborne Image copyright PA
Image caption Tha an Seansalair, Seòras Osborne, air òraid a thoirt seachad ann an Dùn Èideann.

Ma choisicheas Alba air falbh bhon Rìoghachd Aonaichte, coisichidh i air falbh bhon not.

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, air òraid a thoirt seachad ann an Dùn Èideann, far an tuirt e nach cuireadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an ainm ri aonadh-airgid fhoirmeil le Alba neo-eisimeileach.

Thuirt e nach eil "adhbhar laghail sam bith" a bhiodh an còrr den Rìoghachd Aonaichte airson an not a cho-roinn le Alba neo-eisimeileach.

Tha dùil gun cuir ceannardan Làbarach agus Lib-Deamach taic ri beachd an t-Seansalair.

Sgaradh

Ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd, tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gun cùm Alba an not ann an aonadh-airgid leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil Westminster a' feuchainn ris an "lagh innse" do dh'Alba.

Air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd air 18mh an t-Sultain, rinn Mgr Osborne soilleireachadh air seasamh an Riaghaltais air a' chùis.

Thuirt e: "Chan e maoin a th' anns an not a ghabhas a bhriseadh suas eadar dùthchannan an dèidh sgaradh, coltach ri cruinneachadh de CDan.

"Ma choisicheas Alba air falbh bhon Rìoghachd Aonaichte, coisichidh i air falbh bhon not."

Thuirt Mgr Osborne: "Chan eil adhbhar laghail sam bith a bhiodh an còrr den Rìoghachd Aonaichte airson an cuid airgid a cho-roinn le Alba neo-eisimeileach, mar a sheallas na chaidh fhoillseachadh le Roinn an Ionmhais an-diugh."

"Nuair a chanas na Nàiseantaich gu bheil an Not leothasan a cheart cho math ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, a bheil iad ag ràdh gum b' urrainn do dh'Alba neo-eisimeileach iarraidh air luchd-pàighidh chìsean, ann an rìoghachd às an do bhòt iad falbh, taic a chur ri airgead na dùthcha ùire, cèine sin?"

Image copyright Getty Images
Image caption Ma bhios neo-eisimeileachd ann, bidh roghainnean eile aig Alba: an not a chleachdadh co-dhiù, airgead ùr Albannach a stèidheachadh, no tagradh a dhèanamh a dhol dhan Euro.

Ann am planaichean Riaghaltas na h-Alba, bhiodh Banca Shasainn fhathast ag obair mar phrìomh bhanca na h-Alba, nam bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd.

Thuirt an Seansalair: "Tha an RA a' fàs nas luaithe na eaconamaidh leasaichte sam bith eile san Roinn Eòrpa, agus air taobh a-staigh an Aonaidh, tha Alba a' fàs nas luaithe na càch.

Thuirt e cuideachd gun dèanadh sgaradh san Rìoghachd Aonaichte cron air tèarainteachd eaconamaich na dùthcha.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach biodh muinntir na h-Alba air am mealladh le òraid iomairt a bha ag amas air eagal a chur air daoine.

Bha ise a' cumail a-mach gum biodh e gu maith an dà chuid Alba agus a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, aonadh-airgid a bhith eatorra.

"Nuair a bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd, bheir sinn an uair sin sùil air dè an dòigh air adhart as fheàrr do dh'Alba agus dhan chòrr den RA.

"Le "sinn" tha mi a' ciallachadh Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA.

Àm cudromach

Dh'fhaodadh gur e seo aon de na h-amannan as cudromaiche de dh'iomairt an referendum, leis na trì pàrtaidhean mòra a tha airson an Aonaidh ag ràdh nach gabh iad ri aonta-airgid fhoirmeil ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Ma bhios neo-eisimeileachd ann, bidh roghainnean eile aig Alba: an not a chleachdadh co-dhiù, airgead ùr Albannach a stèidheachadh, no tagradh a dhèanamh a dhol dhan Euro.

Ach, chan eil Riaghaltas na h-Alba ag ainmeachadh nan roghainnean sin anns a' phlana A ùr aca.

Tha iad a' smaoineachadh gur e cleas a tha seo airson toirt air daoine bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Tha seann Phrìomh Mhinistear Làbarach, Eanraig MacIllÌosa, den aon bheachd.

Thuirt e gu bheil an Seansalair a' dèiligeadh ri muinntir na h-Alba mar gur e amadain a bh' annta agus, air sgàth sin, gum faodadh barrachd dhaoine a-nis taic a chur ri neo-eisimeileachd.

Tha Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, agus an Seansalair Dùbhlanach Làbarach, Ed Balls, a' dol le beachd Mhgr Osborne.

Thuirt Mgr Alexander gun do rinn mion-sgrùdadh Roinn an Ionmhais soilleir gum biodh cunnartan ris nach fhaodar gabhail an lùib aonadh-airgid, an dà chuid do dh'Alba agus dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Dh'iarr e cuideachd air Riaghaltas na h-Alba molaidhean airgid às ùr a chruthachadh.

"Tha an SNP a' leantainn orra a' toirt a chreid gum b' urrainn do dh'Alba neo-eisimeileach an not a chleachdadh. Cha b' urrainn, às aonais cead," thuirt Mgr Alexander.

Thuirt Mgr Balls: "Cha bhiodh e math do dh'Alba, bhiodh e na uallach ris nach fhaodar gabhail do luchd-pàighidh chìsean na RA, dhèanadh e ath-aithris air na mearachdan a chaidh a shoilleireachadh san Roinn Eòrpa, no fiù 's nas miosa.

"Cha thachair e. Cha mholainn e. Cha chùm Alba an not ma thaghas i neo-eisimeileachd," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile