Dachaigh chùraim ga ceannach
- Air fhoillseachadh

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd sealbh air làrach seann dachaigh chùram Chùirt Chùil Lodair ann an Inbhir Nis.
Tha dà roghainn ann airson na làraich a th' ann am Baile a' Ghobhainn.
Dh'fhaodar a dhèanamh na ionad do chloinn chiorramach, no dachannan airson seann daoine.
Chaidh an dachaigh chùraim a sgrios le teine bho chionn còrr air trì bliadhna, 's fhuair a' Chomhairle a-nis sealbh air tron Mhaoin Fhearainn aca.
Bheir an t-ùghdarras ionadail cothrom a-nis do Chaidreachas Elsie Normington airgead a thrusadh gus ionad a thogail do chloinn a tha ciorramach.
Bidh dà bhliadhna aca sin a dhèanamh, agus ma gheibh iad air adhart, faodaidh iad an talamh a cheannach bhon Chomhairle, no a ghabhail air màl, gus an tèid airgead na maoine a phàigheadh air ais.
Mur a soirbhich leis a' chaidreachas, tha cead dealbhachaidh ann am prionnsabal aig a' Chomhairle airson 17 taighean a thogail do sheann daoine.