"Bluff, bluster agus burraidheachd"
- Air fhoillseachadh

Chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, às leth nan trì prìomh phàrtaidhean poileataigeach san Rìoghachd Aonaichte gur e "bluff, bluster agus burraidheachd" a th' aca le bhith ag ràdh gun diùltadh iad a dhol an sàs ann an aonadh-airgid le Alba neo-eisimileach.
Bha Mgr Salmond a' bruidhinn às dèidh mar a thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gum bi sluagh na h-Alba a' cur cùl ris an not ma bhòtas iad airson neo-eisimileachd.
Bha Mgr Osborne a' toirt seachad òraid ann an Dùn Èideann Diardaoin.
Chuir na Làbaraich agus na Lib-Deamaich taic ris a' bheachd a thug e seachad.
A' bruidhinn air a' phrògram Newsnight, thuirt Mgr Salmond gun robh pàrtaidhean an Aonaidh a' feuchainn ri car a thoirt à daoine, leis gu bheil na chanas iad an-diugh eadar-dhealaichte bhon t-seasamh a bhiodh aca ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimileachd.
"Dubhach"
Alasdair Allan a' còmhradh ri Iain MacAonghais mun not.
Thuirt an Làbarach Eanraig MacGillÌosa, a bha roimhe na phrìomh mhinistear ann an Alba, agus a tha e fhèin an aghaidh neo-eisimileachd, gum faodadh briathran Sheòrais Osborne dìoladh air luchd-taic an Aonaidh, leis cho "dubhach" 's a tha an iomairt aca.
Thuirt am Ball-Pàrlamaid Albannach Nàiseantach, Alasdair Allan, gu bheil aonadh-airgid na phàirt cudromach de phlanaichean nan Nàiseantaich agus gur ann air sgàth sin tha na pàrtaidhean an aghaidh neo-eisimeileach ag argamaid na aghaidh.
"Chan e dìreach gu bheil iad ag argamaid an aghaidh Alba, tha iad ag argamaid an aghaidh Sasainn air sgàth 's gu bheil fios aig a h-uile duine, agus gu bheil fios aca fhèin, gun dèanadh e ciall às dèidh neo-eisimeileachd gum biodh an aon airgead eadar an dà dhùthaich," thuirt Mgr Allan.
Comasach
Thuirt e cuideachd gu bheil e comasach aonaidhean-airgid a chumail eadar dà dhùthaich neo-eisimeileach, agus gun robh aonadh den t-seòrsa seo eadar Breatainn agus Èirinn roimhe.
Alasdair Moireasdan a' còmhradh ri Iain MacAonghais mun not.
Chanadh pàrtaidhean an Aonaidh ge-tà, nach tachair e às aonais cead.
Thuirt fear-labhairt na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Moireasdan: "Carson air thalamh a chuireadh muinntir Shasainn, luchd-pàighidh nan cìsean ann an Sasainn agus a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, carson a chuireadh iadsan tacsa ri eaconamaidh Alba, dùthaich agus daoine a th' air am fàgail.
"An-dràsta tha aonta againn, tha siostam airgid againn a tha ag obrachadh, agus tha e math dha-rìribh do Bhreatainn, do dh'Alba, dha na h-Eileanan, 's a h-uile àite eile," thuirt Mgr Moirseadan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Gearran 2014