Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ethiopian Airlines

Tha na poilis anns an Eilbheis a' ceasnachadh an co-phaidhleat a bh' air bòrd an itealain aig Ethiopian Airlines a chaidh a' thoirt am bruid an-diugh anns a' mhadainn. Bha an itealan, le 200 luchd-siubhail air bòrd, a' siubhal eadar Addis Ababa agus an Ròimh aig an àm. Thuirt a' chompanaidh gu bheil an luchd-siubhail agus an criutha uile sàbhailte aig Port-adhair Geneva.

Airgead

Tha an deasbad mun airgead a dheigheadh a chleachdadh ann an Alba neo-eisimeileach ga dheasbad ann an ùine ghoirid. Tha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, a' toirt òraid seachad do luchd-gnothachais ann an Obar Dheathain an-dràsta fhèin. Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, an t-seachdain seo chaidh, nach biodh aonta-airgid idir ann ma thèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd. Thuirt Mgr Salmond gu bheil e ceàrr.

Ionnsaigh dhrabasta

Tha na poilis air sgrùdadh a thòiseachadh às dèidh mar a chaidh ionnsaigh a thoirt air nighean a bha 16 bliadhna ann am Peairt. Bha an deugaire a' coiseachd air staran air rathad Dhùn Chaillean anns a' bhaile, às dèidh meadhan oidhche a-raoir, nuair a chaidh ionnsaidh dhrabasta a thoirt oirre. Tha oifigearan ag iarraidh fiosrachadh bho dhuine sam bith a chunnaic an nighean a' coiseachd anns an sgìre.

Ar n-Eileanan

Tha coinneamh a' gabhail àite ann an Sealtainn an-diugh eadar ministearan bho Riaghaltas na h-Alba agus an iomairt "Ar n-Eileanan". Tha Comhairle nan Eilean Siar, agus ùghdarrasan ionadail Arcaibh is Sealltainn, ag amas air barrachd chumhachdan fhaighinn dha na sgìrean, agus iad an dòchas gum bi molaidhean stèidhichte aca as t-Samhradh.

Tramaichean

Tòisichidh na tramaichean a' ruith ann am meadhan Dhùn Èideann tron là an t-seachdain seo. Thairis air na beagan làithean romhainn, thèid deuchainnean a dhèanamh leotha air an t-slighe air fad. Chun seo, chan eil na deuchainnean sin air a bhith a' gabhail àite ach tron oidhche.

Feamainn

Tha companaidh a tha air factaraidh giollachd-feamainn a stèidheachadh ann Uibhist a Tuath ag ràdh gu bheil iarrtasan air tighinn a-steach bho air feadh an t-saoghail. Tha dùil ris a' chiad feamainn às an fhactaraidh aig a' chompanaidh Uist Asco, ann an Sollas, an t-seachdain seo. Tha stiùirichean na companaidh ag ràdh gu bheil grunn òrduighean aca a thèid a choileanadh a dh'aithghearr.

Ferrovial

Rinn a' bhuidheann Spàinnteach Ferrovial tairgse airson puirt-adhair Obar Dheathain agus Ghlaschu, sin a rèir Reuters. Dhiùlt a' chompanaidh dad a ràdh mu na h-aithrisean, a thuirt gum biodh an aonta luach £800m. Tha pàirt de Phort-adhair Heathrow mar-thà aig Ferrovial.