A' chosgais an lùib aonadh-airgid a dhiùltadh
- Air fhoillseachadh
Tha Ailig Salmond air bruidhinn a-mach gu làidir an aghaidh an t-Seansalair, Seòras Osborne, a thuirt nach bi cead aig Alba neo-eisimeileach an Not a ghleidheadh.
A' bruidhinn ri luchd-gnothachais ann an Obar Dheathain, thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh Mgr Osborne a' cur sìos air Alba a dh'aona-ghnothaich.
Thuirt e cuideachd gu bheil na prìomh phàrtaidhean aig ìre na Rìoghachd Aonaichte a' leantainn poileasaidh phoilitigich a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air an iomairt airson an Aonadh a' chumail.
Ged is ann ris a' bhuidhinn Business for Scotland a bha Mgr Salmond a' bruidhinn, bha e follaiseach gur ann dhan t-Seansalair a bha an teachdaireachd aige.
Cosgais
Thuirt Mgr Salmond gun cosgadh e "na ceudan de mhilleanan notaichean" dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte mura biodh cead air Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh.
Thuirt an Seansalair an t-seachdain seo chaidh gum bi sluagh na h-Alba a' cur cùl ris an Not ma bhòtas iad airson neo-eisimileachd.
Chuir na Làbaraich agus na Lib-Deamaich taic ri beachdan an t-Seansalair, ag ràdh gun diùltadh iadsan cuideachd a dhol an sàs ann an aonadh-airgid le Alba neo-eisimeileach.
An dèidh na thuirt Mgr Osborne, sgrìobh Mgr Salmond chun na Prìomhaire, Daibhidh Camshron, a' cur às leth Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad air a bhith ri nàdar de "bhurraidheachd".
Thuirt Mgr Salmond cuideachd gum faodadh briathran Mhgr Osborne dìoladh air luchd-taic an Aonaidh, leis cho "dubhach" 's a tha an iomairt aca, agus gu bheil na chanas iad an-diugh eadar-dhealaichte bhon t-seasamh a bhiodh aca ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimileachd.
Mion-sgrùdadh
Sheall mion-sgrùdadh a chaidh a dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba gum faodadh airgead fa-leth Albannach suas ri £500m de chosgaisean adhbharachadh dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Bhiodh na cosgaisean ri linn gnìomhachais agus bathar a-mach 's a-steach à Alba neo-eisimeileach.
Thuirt am Prìomh Mhinistear nach tug Mgr Osborne iomradh air na h-ana-chothroman a bhiodh an lùib sgaradh-airgid.
"Thuirt e nach leigear a leas a bhith ann an aonadh-airgid airson a bhith ri malairt ri dùthchannan eile. Cha leig. Ach dh'fhaodadh e cosgaisean adhbhrachadh - cosgaisean mòra," thuirt Mgr Salmond
"Tha mise an-diugh a' foillseachadh tuairmse de na cosgaisean a dh'fhaodadh a bhith mu choinneimh ghnìomhachasan anns a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
"Tha iad a' ruighinn na ceudan de mhilleanan notaichean."
Aonadh Eòrpach
Chaidh Mgr Salmond cuideachd às àicheadh aithrisean gum biodh e doirbh do dh'Alba neo-eisimeileach ballrachd fhaighinn san Aonadh Eòrpach.
Bha seo an dèidh do Cheann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barosso, a ràdh gur dòcha gum biodh e do-dhèante do dh'Alba faighinn dhan EU, 's gum feumadh i tagradh a dhèanamh mar stàit ùr.
Thuirt am Prìomh Mhinistear ge-tà, gun deach na h-uimhir de dhùthchannan a leigeil a-steach leis an Aonaidh Eòrpaich mar-thà, 's gum faighear air "dòigh pragmatach" a lorg do dh'Alba cuideachd.
Thuirt Mgr Salmond cuideachd nach robh gin de bhuill an AE air a ràdh gun robhas an dùil ballrachd a dhiùltadh do dh'Alba neo-eisimeileach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 An Gearran 2014