Ceistean bunaiteach sa Phàrlamaid Albannaich

  • Air fhoillseachadh
HolyroodTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tillidh buill na pàrlamaid Albannaich a dh'obair Dimàirt gu ceistean a tha gu math bunaiteach san deasbad mu neo-eisimeileachd.

Thèid ministearan a cheasnachadh sa phàrlamaid ann an Dùn Èideann Dimàirt mu phlanaichean an Riaghaltais airson neo-eisimeileachd.

Anns na beagan làithean a dh'fhalbh, nochd ceistean mu chleachdadh an Not ann an Alba neo-eisimeileach, agus mu àite na h-Alba san Roinn Eòrpa.

Tha buill na Pàrlamaid air a bhith air saor-làithean fad seachdain, ach tillidh iad a dh'obair Dimàirt gu ceistean a tha gu math bunaiteach san deasbad mu neo-eisimeileachd.

Ghluais an deasbad gu ìre ùir às dèidh mar a thuirt an t-Seansalair, Seòras Osborne, nach gabhadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri aonta foirmeil air cleachdadh a Not.

Chaidh sin a leantainn le beachd Chinn-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barroso, a thuirt gum faodadh e a bhith do-dhèanta do dh'Alba ballrachd a chosnadh san Aonadh Eòrpach.

Ceistean poileataigeach

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Mgr Salmond, mu chleachdadh an Not, gun dèanadh e cron, chan ann a-mhàin air Alba, ach cuideachd air Sasainn, mura gabhadh an Not cleachdadh ann an Alba neo-eisimeileach.

'S e beachd a' Phrìomh Mhinisteir gur e ceistean poileataigeach a th' anns an dà cheist seo, agus gun tig freagairtean eadar-dhealaichte bho Lunnainn agus bhon Bhruiseil ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Dimàirt ann an Holyrood, bidh cothrom aig Buill-Phàrlamaid ceistean a chur air ministearan an Riaghaltais mun dà cheist a th' air nochdadh anns na beagan làithean a dh'fhalbh.

Tha dùil gur iad na Làbaraich a thogas ceistean air na thuirt Mgr Barroso.

Aig a' cheart àm, bidh ceistean aig na Nàiseantaich mu na thuirt Seòras Osborne Dihaoine.

Faighnichidh buill Nàiseantach mun chron a dh'fhaodadh sin a dhèanamh air an aonta air an dà thaobh, gu h-àraidh a thaobh a bhith ag obair còmhla.

"Plana B"

Thathas tric a' ceasnachadh co-dhiù am biodh Riaghaltas na h-Alba deònach na poileasaidhean aca atharrachadh, gu h-àraid a thaobh cleachdadh an Not - a bheil "Plana B" ann?

Gu ruige seo, chan eil coltas gu bheil an leithid ann, no co-dhiù chan eilear airson bruidhinn mun sin gu poblach.

Fhuairear blasad de fhreagairtean an Riaghaltais san òraid a thug am Prìomh Mhinistear seachad ann an Obar Dheathain Diluain.

Thuirt Mgr Salmond, mu chleachdadh an Not, gun dèanadh e cron, chan ann a-mhàin air Alba, ach cuideachd air Sasainn, mura gabhadh an Not cleachdadh ann an Alba neo-eisimeileach.

Thuirt e gun deadh cìs a chur air gnìomhachasan Shasainn le Riaghaltas Lunnainn, nan robh aca ri cosgaisean a phàigheadh airson diofar airgead a chleachdadh mu thuath 's mu dheas.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Mgr Osborne nach gabhadh Riaghaltas Bhreatainn ri aonta foirmeil airson an Not a chleachdadh, ma 's e 's gum bhòt Albannaich airson neo-eisimeileachd.

Aig a' cheann thall, 's e beachd Mhgr Salmond nach bi gnìomhachasan agus companaidhean ann an Sasainn deònach gabhail ris an sin.

Barroso

A thaobh na thuirt Mgr Barroso air an deireadh-sheachdain, tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gur i ceist phoileataigeach a th' ann an àite na h-Alba san Aonadh Eòrpach, 's gun gabhadh na dùthchannan eile ris, mas e 's gun tèid bhòtadh air a shon.

Anns an eadar-ama, leanaidh daoine leithid Jose Manuel Barroso agus Seòras Osborne orra a' bruidhinn a-mach, co-dhiù a' togail cheistean a bhios doirbh dhan Riaghaltas Albannach.

Is coltach gu bheil na Nàiseantaich a' feuchainn ri aire dhaoine a thoirt air falbh bho na ceistean seo, 's iad den bheachd gum bi cothrom nas fheàrr aca a' chùis a dhèanamh ma tha aire nan daoine air cùisean a tha a' toirt buaidh orra bho là gu là, leithid peinnseanan, sochairean sòisealta agus cùram cloinne, rud air a bheilear air cuideam mòr a chur sna beagan mhìosan a dh'fhalbh.

Aig an ìre seo, ge-tà, leanaidh ceistean leithid an Aonaidh Eòrpaich agus cleachdadh an Not, agus tha dùil gum bi an fheadhainn a chuireas taic ris an Aonadh airson aire nan daoine a chumail orra.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh