BBC Naidheachdan

Companaidh air ainmeachadh mar phrìomh thagraiche

Published
image captionThèid leudachadh a dhèanamh air a' chidhe gus am bi e freagarrach airson an aiseig ùir eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, ris a bheil dùil uaireigin as t-Samhradh seo tighinn.
Chaidh a' chompanaidh togail BAM Nuttall ainmeachadh mar phrìomh thagraiche airson obair-leasachaidh luach £12m a dhèanamh air caladh Steòrnabhaigh.
Thèid leudachadh a dhèanamh air a' chidhe gus am bi e freagarrach airson an aiseig ùir eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, ris a bheil dùil uaireigin as t-Samhradh seo tighinn.
Dh'innis Ùghdarras Port Steòrnabhaigh gun tèid an cùmhnant a dhaingneachadh aig deireadh na mìos seo, agus tha dùil gum mair an obair ochd mìosan.
Am measg na h-obrach, feumar an cidhe a neartachadh agus goireas ùr a thogail dhan luchd-siubhail.
Nithear cuideachd rùm dha carbadan-bathair, a bhios a' dol air an Loch Seaforth cuide ri luchd-siubhail eile, seach air bàta-bathair fa-leth mar a tha a' tachairt an-dràsta.

Obair-leasachaidh

Airson sin a dhèanamh feumar barrachd rùm agus le sin thathas a' dol a chur ris a' chidhe a th' ann le a bhith a' lionadh pàirt den chala aig ceann Newton den làraich.
Feumaidh an obair cuideachd freagairt air bàtaichean luchd-turais, is dùil ri barrachd dhiubh sin ann an Steòrnabhagh am-bliadhna na bh' ann a-riamh roimhe.
Thuirt Àrd-oifigear an Ùghdarrais, Sìne NicÌomhair, gun robh iad fhèin air £2m a chur ris a' phròiseict, le còrr is £9m eile a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.
An dèidh dhan chùmhnant a bhith air fhoillseachadh gu h-oifigeil, thuirt i gun tòisichear air an obair-leasachaidh sa bhad.
Tha a' chompanaidh BAM Nuttall cuideachd air cùmhnant luach £82m fhaighinn airson leasachadh a dhèanamh air na rathaidean a-steach gu Port-adhar Heathrow.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • £8m ga chosg a' leasachadh Port Steòrnabhaigh