Ceadan iasaid aig Riaghaltas na h-Alba

Airgead Image copyright PA
Image caption Tha na ceadan seo mar phàirt de dh'Achd na h-Alba, a th' ann an reachdas mar thà.

Gheibh Riaghaltas na h-Alba an cumhachd bannan a thoirt seachad airson airgead a thogail air na margaidhean eadar-nàiseanta.

Bidh cothrom aig ministearan ann an Dùn Èideann na ciad bhannan a thoirt seachad bhon ath-bhliadhna.

Fo Achd na h-Alba a chaidh tro Phàrlamaid Westminster mar thà, bidh cothrom aig an Riaghaltas an Dùn Èideann suas gu £2.2bn a ghabhail air iasad bhon ath-bhliadhna, a thuilleadh air bannan a thoirt seachad.

Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gun do sheall sin gum b' urrainn do dh'Alba fàs mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e làn chumhachdan neo-eisimeileachd a tha a dhìth airson sin a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile