Prìosan do dhràibhear às Earra-Ghàidheal

A83 Image copyright Johnny Durnan / Geograph
Image caption Thachair an tubaist air an A83 tuath air Tairbeart Loch Fìne.

Chaidh binn prìosan naoi bliadhna air fear às Earra-Ghàidheal a dh'adhbhraich bàs nighinn a bha a' siubhail còmhla ris.

Chaochail Natasha Clark, 17, nuair a chaill Seumas Neill, 35, smachd air a' chàr aige faisg air Tairbeart Loch Fìne.

Bha ceathrar a' siubhail san Honda Civic aig Neill nuair a thachair an tubaist san Lùnastal 2012.

Chuala a' chùirt ann an Dùn Èideann roimhe gun robh Neill a' dol cho luath ri 110 m.s.u. air an A83 eadar Ceann Loch Gilb is an Tairbeart, ged a bha an triùir a bha sa chàr còmhla ris air iarraidh air gabhail air a shocair.

Chaill Neill smachd air a' chàr air oisean is e a' dol còrr is 70 m.s.u.

Bhuail an càr ann an creig às dèidh dha a dhol far an rathaid.

Chaidh Natasha Clark is Sandra Harvey, a bha ann an cùl a' chàr, a thoirt dhan ospadal ann an heileacoptair, ach chaochail Natasha an ath-là.

Thuirt am britheamh, am Morair Stiùbhairt, gun robh fios aig Seumas Neill gun robh e a' cur an fheadhainn eile sa chàr ann an cunnart, ach nach do dh'èist e riutha.

Chaidh binn prìosan naoi bliadhna air Neill, is chaidh a chasg bho dhràibheadh fad 15 bliadhna.