Cobhair ga dhèanamh air dithis shreapadairean

  • Air fhoillseachadh
Creagan an Daimh agus Loch Ath-fhionnTùs an deilbh, Angus/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an dithis a shreap Chreagan an Daimh os cionn Loch Ath-fhionn Dimàirt.

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis shreapadairean a bh' air oidhche a chur seachad ann an aimsir gharbh sa Mhonadh Ruadh.

Bha iad mar phàirt de bhuidhinn de cheathrar à Lunnainn a chaidh a-mach a shreap Chreagan an Daimh os cionn Loch Ath-fhionn Dimàirt.

Chuir dithis bhon bhuidhinn fios air na seirbheisean-èiginn nuair nach do nochd an dithis eile aig deireadh an là.

Bha droch-shìde san sgìre tron oidhche, le gèiltean agus sneachda trom.

Bha sgioba teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh an sàs anns an iomairt, cuide ri sgioba eile agus heileacoptair bhon RAF.