Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Thuirt Ceann-suidhe na Ugràin gun tèid taghaidhean a chumail anns an dùthaich anns an aithghearrachd. Thuirt e na bu thràithe an-diugh gun deach aonta a ruighinn gus stad a chur air an fhòirneart anns an dùthaich. Ged a bha ministear na Frainge ag ràdh nach eileas air aonta a ruighinn, agus gu bheil na còmhraidhean a' leantainn. Chùm Victor Yanukovych coinneamh tron oidhche an-raoir le ceannardan nan dùbhlannach agus riochdairean bhon AE agus an Ruis. Tha àimhreit air a bhith a' dol air sràidean Kiev anns a' mhadainn an-diugh far an deach na dusanan de dhaoine a mharbhadh an-dè.

Balach loisgte

Thuirt an teaghlach aig a bheil leanabh òg a chaidh a losgadh gu dona ann an spreadh gas ann am Pagastan gu bheil iad airson taing a thoirt do mhuinntir na h-Alba taic a thoirt dhaibh cùram fhaighinn dhan bhalach. Bha Mohammad Sudais dà mhìos de dh'aois, nuair a spreadh am flat anns an robh e a' fuireach le a theaghlach. Bhàsaich iad uile, ach thàinig esan às beò le aodan air a losgadh. Chaidh a thoirt gu ospadal chloinne Yorkhill far an dèan dotairean agus nursaichean deuchainnean meidigeach air anns na làithean a tha romhainn.

Càbal a' Chuain Sgìth

Thuirt Ministear a' Chumhachd ann an Alba, Fearghas Ewing, gu bheil e na phrìomhachas dha dòigh a lorg air càbal dealain a chur eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr. Chaidh coinneamh a ghairm ann an Steòrnabhagh le Mgr Ewing a thèid a chumail Diluain, far am beachdaich riochdairean bhon Riaghaltas agus gnìomhachas an dealain air a' chùis.

Caolas Bharraigh

Thuirt cathraiche na buidhne SHAMED gu bheil e cudromach gum bi a' bhuidheann-stiùiridh a bhios os cionn sgìre ghlèidhteachais Chaolas Bharraigh air a chur ri chèile le bhith ag èisteachd ri beachdan an dà chuid mhuinntir nan eilean agus bho nas fhaide air falbh. Bha Aonghas MacLeòid a' bruidhinn às dèidh don Riaghaltas ainmeachadh gur i a' bhuidheann ionadail Voluntary Action Barra and Vatersay a dhealbhaicheas structar stiùiridh na sgìre. Thèid molaidhean a dhealbh leis a' bhuidhinn, a' gabhail a-steach bheachdan na coimhearsnachd, agus thèid sin an uair sin a chur fa chomhair Riaghaltas na h-Alba as t-Samhradh.

Maoimtean-sneachda

Thèid fiosrachadh as ùr do luchd-sgithidh agus luchd-sreap nam beann mu na cunnartan a tha an lùib mhaoimtean-sneachda fhoillseachadh an-diugh. Tha sneachda trom thar grunn sheachdainnean air fàgail gu bheil cunnart ann am mòran shlèibhtean.