Beachd bho Mhàrs

Nach buidhe dha.

Chaidh David Bowie an sàs anns an deasbad mu neo-eisimeileachd an t-seachdain-sa le ceithir faclan goirid a chaidh a leugadh air a sgàth le Kate Moss.

"Alba, fuirichibh còmhla riunn".

Nam shuidhe a' coimhead air an telebhisean an oidhche ud, bha fios agam mar-thà dè a chanadh an dà thaobh.

Bha luchd-taic an Aonaidh air an dòigh, thuirt luchd-molaidh neo-eisimeileachd gum b' fhada o theich Mgr Bowie fhèin Breatainn gus fuireach ann an New York.

Aig a' cheann-thall, cha shaoilinn-sa gun dèan e diofar sam bith air an dòigh anns am bi daoine a' bhòtadh anns an t-Sultainn.

Comhairle

Ach cha robh ann ach an duine as ùire a leithid a ràdh anns na beagan sheachdainean a dh'fhalbh.

Gu dearbh, bheachdaich cuid gun robh Mgr Bowie a' gabhail comhairle a' phrìomhaire, a dh'iarr air Breatannaich eile innse don chàirdean ann an Alba gum bu mhiann leotha nam fuirichimid anns an Rìoghachd Aonaichte.

Cha robh a h-uile teachdaireachd buileach cho càirdeil, ge-tà.

Is coltach nach eil Dàibhidh Camshron cinnteach gum bi litreachan gaoil gu leòr gus toirt air Albannaich bhòtadh air an dòigh 's a bu toil leis.

Mar sin, beagan làithean às dèidh na h-òraid aigesan, thàinig an Seansalair a Dhùn Èideann le rabhadh mun roghainn a tha romhpa.

Sin, gum b' urrainn do dh'Alba neo-eisimeileachd fhaighinn no an not a chumail ach cha b' urrainn an dà chuid.

Geall

Is coltach gun do mheas Ailig Salmond nach canadh Seòras Osborne sin air eagal 's gum biodh aige ri gabhail ris aig a' cheann-thall, fo uallach ghnìomhachais ann an Sasainn a bhiodh a' pàigheadh cosgais mhòr airson malairt thar na crìoch.

Ach, nam b' e sin a bheachd, rinn am prìomh mhinistear droch gheall.

Chì sinn fhathast am bi aige fhèin ri pàigheadh air a shon.

'S dòcha gum b' iad na cunntasan bheachd a thug air Mgr Osborne - le Ed Balls agus Danny Alexander ri thaobh - cantainn nach gabhadh e ri aonadh airgid airson an not a chleachdadh às dèidh deireadh an aonaidh phoileataigiche.

Agus chan eil fhios againn fhathast an toir e a' bhuaidh a bha e ag iarraidh orra aig a' cheann-thall.

Ach tha an deasbad air gluasad gu ìre ùir.

Sabaid

O fhuair iad a' mhòrchuid aca aig an taghadh ann an 2011, tha Ailig Salmond agus Nicola Sturgeon air a bhith a' cumail a-mach gun robh neo-eisimeileachd na rud nàdarrach - dòrainneach, chanadh cuid - a thachradh gun trot no aimhreit.

Ach cha ghabhadh sabaid a sheachnadh gu bràth.

A-nis tha iad a' cur casaid bhurraidheachd air Mgr Osborne agus a chàirdean anns na pàrtaidhean eile a chuireas taic ris an Aonadh.

A-màireach, bidh an dà chaibineat gun ach astar beag bho chèile agus gach fear a' coinneachadh - gu fa leth - anns an Ear-thuath.

Ach anns deasbad mu neo-eisimeileachd tha iad cho fada bho chèile is a bha iad a-riamh.

Cò dhiubh a bhuannaicheas? Tha e cho math faighneachd a bheil duine beò air Màrs.