Isle of Lewis ga càradh an Liverpool

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh, Cha ghabh an soitheach càradh aig cidhe Steòrnabhaigh.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthain gum feum bàt-aiseig Steòrnabhaigh, an MV Isle of Lewis, a dhol a Liverpool airson a càradh.

Thàinig duilgheadas am bàrr leis an uidheam-stiùiridh aice goirid às dèidh dhi tilleadh bho a sgrùdadh bhliadhnail.

Thuirt a' chompanaidh gun d' fhuair iad comhairle nach gabh a càradh aig a' chidhe ann an Ulapul, 's gun dèan i air Liverpool cho luath 's as urrainn.

San eadar-ama 's i an MV Isle of Arran, a tha nas lugha 's nas slaodaiche, a tha a' frithealadh na slighe.

Dh'iarr a' chompanaidh leisgeul airson buaireadh sam bith a thig ri linn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh