Bàs bhalaich bhig ga rannsachadh
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis a' rannsachadh mar a bhàsaich balach beag ann an Inbhir Nis.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm feasgar Didòmhnaich agus aithris ann gu do bhàsaich gille a bha dà bhliadhna de dh'aois aig seòladh air Rathad Mhic an Tòisich sa bhaile.
Chaidh feuchainn ri cobhair a dhèanamh air a' bhalach aig an àm, ach chaochail e.
Thuirt na Poilis nach eil dearbhadh fhathast dè a thug bàs dha, 's gun tèid rannsachadh bàis a dhèanamh.