Ginealach 2014: Isabelle Bain
- Air fhoillseachadh

Tha mi a' smaoineachadh gur e cothrom uabhasach sònraichte a th' anns an referendum dha sluagh na h-Alba an inntinn a dhèanamh an-àirde mu mar a bhios an dùthaich againn air a riaghladh.
Tha mise a' smaoineachadh gu bheil mi a' dol a bhòtadh "cha bu chòir" anns an referendum.
'S e am prìomh adhbhar a th' agam airson seo nach eil cinnt ann gum bi sinn càil nas fheàrr dheth ma bhios sinn neo-eisimeileach na mar a tha sinn an-dràsta.
Chan eil fhios againn fiù 's dè an seòrsa airgid a bhios againn ma bhios sinn neo-eisimeileach.
Chan eil cinnt ann a bharrachd am bi Alba neo-eisimeileach na ball den Aonadh Eòrpach.
Mì-chinnt
Tha tòrr air a ràdh anns a' Phàipear Gheal mu na tha an SNP ag iarraidh tachairt, ach chan eil cinnt ann gun tachair na rudan seo.
Tha mi a' smaoineachadh gur e cuspair cudromach dhan òigridh a th' anns an referendum.
'S e sinne, an òigridh, a chì buaidh an referendum oir 's e sinne a dh'fheumas a bhith beò ann an Alba, ge bith dè an taobh a bhuannaicheas anns an t-Sultain.
Nam bheachd-sa, tha ùidh mhòr aig an òigridh anns a' chuspair.
Tha mise air bhith a' bruidhinn ri mo charaidean mu dheidhinn agus tha sinn air a bhith a' deasbad mu dè an taobh air a bheil sinn.
Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn barrachd fiosrachaidh mun a h-uile cuspair co-cheangailte ris an referendum, fiosrachadh freagarrach, chan e dìreach beachdan agus rudan a tha daoine an dòchas a thachras.
An Gearran, 2014
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2013
- Air fhoillseachadh25 An Gearran 2014