Oidhche Mhòr an Inbhir Pheofharain

  • Air fhoillseachadh
Tadhal ChountyTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn County a' chùis ann an Inbhir Nis aig toiseach na bliadhna.

Coinnichidh Ross County is Caledonian Thistle Inbhir Nis ann an Inbhir Pheofharain oidhche Mhàirt san dàrna Derby Ghàidhealach den t-seusan.

Bha còir aig a' gheama seo a bhith ann san Damhair ach stad e nuair a dh'fhaillich na solais aig Pàirc Bhictoria aig letheach-ùine.

Rinn County an uair sin a' chùis air Caley Thistle 2-1 ann an Inbhir Nis air a' chiad là den bhliadhna ùir.

Eadar sin agus na cluicheadairean ùra a thug Derek Adams a-steach dhan sguad aige, tha spionnadh air a dhol ann an seusan a bha thuige sin car truagh do Chounty, is chan eil iad ach air dà gheama a chall am bliadhna.

Thog iad trì puingean luachmhor an aghaidh St.Mirren Disathairne 'son sreap os cionn sgioba Phàislig.

"Sunnd"

"'S e geama mòr a tha seo do gach sgioba is tha sinn le chèile a' dol a-steach dhan gheama ann an sunnd às dèidh dhuinn buannachadh aig an deireadh-sheachdain," thuirt Adams.

"Tha sinn airson cumail a' dol leis an t-soirbheachas a bh' againn anns an Derby air an t-seusan seo agus an geama seo a bhuannachadh.

"Tha sinn misneachail oir tha sinn a' cluich glè mhath an-dràsta," thuirt e.

Tha a h-uile duine fut aig Adams is Steaphan Saunders a' tilleadh dhan sguad.

"Chluich sinn glè mhath an aghaidh St.Mirren," thuirt sgiobair Chounty, Richie Brittain.

"Misneachd"

"Dh'fhosgail sinn iad tric is minig is dh'fhaodadh sinn a bhith air trì no ceithir a chur. Gabhaidh sinn misneachd às a sin," thuirt e.

Bidh sgioba Inbhir Nis ag amas air dìoghaltas às dèidh dhaibh geama na Bliadhna Ùire a chall, ach tha am manaidsear, Iain Hughes, ag ràdh gum feum iad a bhith mothachail air an t-seòrsa oidhche a bhios ann.

"An rud a th' ann le geamaichean Derby - is tha mise eòlach orra mar chluicheadair, coidse is manaidsear - gum feum thu smachd a chumail ort fhèin.

"Tha fios agam dè tha e a' ciallachadh dhan luchd-leantainn ge-tà, is 's e rud air leth do bhall-coise na Gàidhealtachd gu bheil an dà sgioba a' cluich an aghaidh a chèile sa Phrìomh Lìog," thuirt e.

Rinn ICT a' chùis 1-0 an aghaidh St. Johnstone Disathairne is an t-àite aca sa phrìomh shia a' coimhead sàbhailte gu leòr aig an ìre seo.

Farpais

Tha na cluicheadairean cuideachd a' farpais 'son àite san sgioba sa chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge an ath-mhìos.

Bidh iad an dòchas gun tig tadhal no dhà bho Bhilly MacAoidh eadar seo is an uair sin, is e air dìreach 2 a chur san 11 gheama mu dheireadh aige.

"Tha sinn air innse do Bhilly gu bheil an t-àm aige a bhith air ais am measg nan tadhal," thuirt sgiobair Inbhir Nis, Richie Foran.

"Chan ann airsan a-mhàin a tha an dleastanas ge-tà, feumaidh mi fhìn, Aaron Doran, Marley Watkins is Ross Draper beagan cuideachaidh a thoirt dha," thuirt Foran.

Tòisichidh an geama aig Pàirce Bhictoria aig 7:45f.