Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannarc

Chaidh ceathrar às na West Midlands ann an Sasainn a chur an grèim fo amharas ceannairc. Tha dùil gu bheil ceangal aig iomairt nam Poileas ri Siria.

Figearan Ospadail

Chaidh còrr air 4,400 duine a thoirt dhan ospadal an Alba an-uiridh ri linn mì-chleachdadh dhrogaichean a rèir àireamhan ùra. Bha triùir anns a' cheathrar aca beagan nas sine na 30, agus bha iad air heroin no methadone a ghabhail. Sheall na figearan cuideachd gun do thuit an àireamh de dhaoine a chaidh a thoirt dhan ospadal le trioblaidean dibhe. Tha an àireamh sin air a bhith a' tuiteam airson còig bliadhna a-nis.

Bàta air na creagan

Tha bàt-iasgaich air a dhol air na creagan aig na h-Eileanan Àsgraib ann an Loch Snìosort san Eilean Sgitheanach. Rinn am bàta-clèibh an Louisa, a tha clàraichte ann an Steòrnabhagh, gairm èiginn chun nam Maor-Cladaich aig 06:20m. Tha bàta-teasairginn an t-Òib ann an-dràsta airson sùil a chumail air cùisean gus an èirich an làn. Bha còignear air bòrd, agus cha deach duine a leòn.

Sèist

Tha na Poilis an Dùn Phris an sàs ann an sèist, agus duine air e fhèin a ghlasadh ann an togalach. Tha na seirbheisean èiginneach an dèidh a bhith aig an togalach air Syme Road ann an sgìre Lochside sa bhaile fad na h-oidhche. Chan eil dùil bheil duine an còrr san togalach.

Càrlabhagh

Bhòt muinntir Chàrlabhaigh airson an oighreachd a cheannach. Ghabh 67% den t-sluagh pàirt anns a' bhaileat, agus nuair a chaidh na bhòtaichean a chunntadh an-raoir bha 254 air a shon, agus 86 na aghaidh. Thèid buidheann-stiùiridh a chur air bhonn a-nis airson gluasad air adhart.

Oscar Pistorius

Cho-dhùin britheamh ann an Afraga a Deas gum faod cùis-lagha na lùth-chleasaiche Oscar Pistorius a bhith air a chraoladh air an telebhisean. Ach bha cùmhnantan an lùib na breith. Chan fhaod luchd-fianais a bhith air an craoladh. Dh'aidich Pistorius gun do loisg e air a leannan na dhachaigh an-uiridh, ach tha e a' dol às àicheadh na casaid muirt. Tha e ag ràdh gun robh e a' smaoineachadh gur e cuideigin a bhris a-steach dhan taigh aige a bh' innte.