Bàt-iasgaich air na creagan
- Air fhoillseachadh
Tha bàt-iasgaich air a dhol air na creagan aig na h-Eileanan Àsgraib ann an Loch Snìosort san Eilean Sgitheanach.
Rinn am bàta-clèibh an Louisa, a tha clàraichte ann an Steòrnabhagh, gairm èiginn chun nam Maor-Cladaich aig 06:20m.
Tha bàta-teasairginn an t-Òib ann an-dràsta airson sùil a chumail air cùisean gus an èirich an làn.
Bha còignear air bòrd, agus cha deach duine a leòn.