Cead do leasachadh ann am Malaig

Malaig Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S e Sir Camshroin Mac an Tòisich a th' ari cùlaibh nam planaichean.

Chaidh cead a thoirt do phlana luach £750,000 not airson togalach ann an cumadh chrannaige a thogail ann am Malaig.

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach ris a' phlana aig Sir Camshroin Mac an Tòisich, a tha a' ruith dhealbhan-cluiche ann a' Lunnainn, agus aig a bheil oighreachd san sgìre.

Bhiodh an goireas ùr a' frithealadh bhàtaichean-siùil is eile a bhios a' cur a-steach dhan chaladh.

Chaidh cur às leth Chamshroin Mhic an Tòisich gun robh e a' feuchainn ri milleadh a dhèanamh air Malaig.

Ach aig coinneimh phoblaich an-uiridh, chuir còrr 's ceud duine an taic ris na planaichean.

Tha e airson an togalach far an robh talla a' bhaile uair stèidhichte a leigeal agus togalach ann an cruth crannaige a thogail na àite.

Bhiodh taighean beaga agus bùth na chois.

Rachadh cidhe a thogail mu choinneimh an togalaich cuideachd.

Bha oifigearan a' moladh do chomhairlichean Gàidhealach taic a chur ris na planaichean, agus ghabh Comataidh Dhealbhachaidh a' Chinn a Deas ris a' mholadh.

Chuir comhairlichean na sgire fàilte air an naidheachd agus iad den bheachd gum biodh am pròiseact na bhuannachd do dh'eaconamaidh na sgìre.