Ross County 0 Caley Thistle 3

Marley Watkins Image copyright SNS
Image caption Marley Watkins air a dhòigh is e air Caley Thistle a chur 3-0 air thoiseach.

Shreap Caledonian Thistle dhan 4mh àite sa Phrìomh Lìog às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ross County 3-0.

Bha dùil ri geama faisg eadar na nàbaidhean ach 's ann a bha cùisean furasta gu leòr do sgioba Inbhir Nis is iad a' buannachadh ann an Inbhir Pheofharain 'son a' chiad turais ann an deich bliadhna.

Chaidh ICT air thoiseach tràth le tadhal bho Dhàibhidh Raven ann an 8 mionaidean, a' chiad tadhal aige dhan chlub.

Chuir Billy MacAoidh an dàrna tadhal den oidhche goirid às dèidh leathach-ùine is chuir Marley Watkins crìoch air a' ghnothach le dusan mionaid air fhàgail.

Dìoghaltas

Dìoghaltas 'son Caley Thistle às dèidh dhaibh geama na bliadhna ùire a chall ri County.

"Tha mi a' smaointinn gun robh sinn sònraichte math a-nochd," thuirt am manaidsear, Iain Hughes.

"Dh'fhaodadh sinn a bhith air tadhal no dhà a bharrachd fhaighinn is tha mi air mo dhòigh airson nam balach," thuirt e.

'S e bristeadh-dùil a bh' ann do sgioba Inbhir Pheofharain, a thuit dhan 10mh àite air sgàth a' phronnaidh a fhuair iad.

Truagh

"Chaill sinn tadhail a bha car truagh is cha b' urrainn dhuinn faighinn a-steach dhan gheama às dèidh dhuinn tadhal a chall tràth," thuirt manaidsear Chounty, Derek Adams.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil an sgioba againn nas òige na Caley Thistle is chan eil eòlas againn air na geamaichean seo mar a th' aca, agus bha sin follaiseach.

"Bha Inbhir Nis airidh air na puingean," thuirt e.

Thèid Caley Thistle an aghaidh Celtic aig Parkhead Disathairne is County a' cur fàilte air Partick Thistle aig Pàirc Bhictoria.