Manaidsear ùr gu bhith aig Alba

Geama 2012 Image copyright Neil G Paterson
Image caption Tha làmh an uachdair air a bhith aig Èirinn anns na geamaichean eadar-nàiseanta anns na bliadhnaichean a chaidh.

Thèid manaidsear ùr do sgioba iomain na h-Alba fhoillseachadh an t-seachdain seo.

Dhearbh Comann na Camanachd gum bruidhinn iad ri dithis is gun tig co-dhùnadh an ceartuair.

Bidh obair gu leòr aig an duine a gheibh an dreuchd is Alba air fulang anns na geamaichean eadar-nàiseanta anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.

Dh'fhàg Drew MacNèill an dreuchd às dèidh sreath na bliadhna an-uiridh.

Chaill Alba an dà gheama san t-sreath, mar a thachair ann an 2011 is 2012.

B' ann an 2010 - a' chiad bliadhna a bha MacNèill aig an stiùir - a bhuannaich Alba geama an aghaidh nan Èireannach mu dheireadh, ged a chaill iad an t-sreath.

B' ann an 2008, nuair nach robh ann ach aon gheama, a fhuair Alba an cupa mu dheireadh.

Thuirt Comann na Camanachd gu bheil iad air cuideigin a chur os cionn na sgioba fo 21 mar thà, is thèid ainm a' mhanaidseir fhoillseachadh an t-seachdain seo cuideachd.