Bùithtean an Rubh'
- Air fhoillseachadh
Chleachd na deugan de bhùithtean a bhith ann an sgìre an Rubha ann an Leòdhas, ach an-diugh chan eil gin air fhàgail.
Atharraichidh sin air an t-seachdain seo tighinn ge-tà, nuair a dh'fhosglas bùth ùr agus café ann an seann bhun-sgoil a' Chnuic.
An cois an fhosglaidh, tha Comann Eachdraidh an Rubha a' sireadh dhealbhan, fiosrachadh agus stuth sam bith a th' aig daoine air a thasgadh mu na bùithtean a b' àbhaist a bhith san sgìre.
A rèir Chatriona Dunn, tha iad airson pàirt sònraichte de dh'eachdraidh na sgìre a ghleidheadh.
"Tha an talla a bh' aig an sgoil againn, agus chuir sinn romhainn gun cuireadh sinn air adhart taisbeanadh mu dheidhinn bhùithtean 's a bhith a' reic 's a' ceannach, cho fada air ais 's as urrainn dhuinn faighinn," thuirt i.
"Tha sinn mar-thà air rudan fhaighinn a bh' anns na bùithtean.
"Bha stuth aig a' Chomann Eachdraidh iad fhèin, mar eisimpleir bha bùth shìos am Port Mholair. 'S e gnothachas an ìre mhath mòr a bh' ann aig fear ris an canadh iad Seonaidh Aonghais Uilleim.
"Tha an doras a bh' air a' bhùth sin againn, agus ainmean dhaoine air an snaidheadh a-steach dhan fhiodh a tha sin.
"Agus tanca anns an robh siorap is trèicil a bha sa bhùth sin. 'S tha daoine eile air tairgse rudan eile dhuinn.
"Tha sinn air tanca parafìn fhaighinn a bh' ann am bùth ann am Pabail.
"A thuilleadh air sin tha rudan mar chunntasan, fàirdealan, a bha a' tighinn bho bhùithtean. Feadhainn às an sgìre fhèin, 's feadhainn à Steòrnabhagh.
"Tha e a' sealltainn dhut dè bha rudan a' cosg aig an àm a bh' ann an sin.
"Tha e inntinneach faicinn dè seòrsa rudan a bha daoine a' ceannach.
"Chan eil each cola-deug bho smaoinich sinn air seo, agus mar-thà tha treallaich mhath stuth air a chruinneachadh.
"Ach bu mhath leinn nan smaoinicheadh daoine anns an sgìre air càil a th' aca coltach ris na rudan a tha mi air a bhith ag ainmeachadh, nam biodh iad deònach an toirt dhuinn air iasad, no a thoirt dhan Chomann Eachdraidh co-dhiù," thuirt i.