Ath-chuinge mu dhocadh chon-obrach

Geamairean Image copyright PA
Image caption Chan eil casg air docadh chon-obrach ann an Sasainn 's a' Chuimrigh.

Tha geamairean a' cruinneachadh ann an Dùn Èideann gus ath-chuinge a thoirt a-steach a dh'iarraidh crìoch a chur air a' chasg a th' air a bhith a' docadh earbaill chon-obrach.

Tha iad ag ràdh gum bi mòran chon a' fulang lotan uabhasach san earbaill fhad 's a bhios iad ag obair gus eòin gheama a thogail ann am preasach dlùth.

Chaidh casg air docadh ann an Alba ann an 2007.

Tha casg an sàs ann an Sasainn 's anns a' Chuimrigh cuideachd, ach chan eil e a' toirt buaidh air coin-obrach.

Chaidh coin-obrach fhàgail às mu dheas ri linn a' chunnairt gun deadh coin a ghoirteachadh 's iad ag obair.

Tha na geamairean ag ràdh gu bheil iad ag aontachadh nach bu chòir coin-dachaigh a dhocadh, ach gu bheil thìde ann aithneachadh gu bheil adhbhar air le coin-obrach.