Dòchas do ghnìomhachas an togail

  • Air fhoillseachadh
Obair-togail
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Tulloch ag ràdh gu bheil piseach a' tighinn air a' ghnìomhachas.

Tha dòchas ann gu bheil gnìomhachas an togail air a' Ghàidhealtachd a' tighinn air adhart agus a' chompanaidh Tulloch ag ràdh gu bheil duilgheadas aca luchd-obrach gu leòr fhaighinn mu choinneimh na h-obrach a th' aca.

Tha an gnìomhachas air fulang gu mòr ri linn staing ionmhais an t-saoghail is companaidheam mòra a bha uair glè thrang aig tuath, leithid UBC is ROK, air a dhol fodha.

A rèir Tulloch, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis agus a tha am measg nan companaidhean togail as motha sa cheann a tuath, tha cùisean a' togail orra.

Thuirt a' chompanaidh gun do rinn iad prothaid ro chìsean de £2m 'son na bliadhna suas dhan Òg-Mhìos 2013, a' bhliadhna ionmhais a b'fhearr a bh' aca bho 2008.

Bha sin an taca ri call ro chìsean de £6m sa bliadhna ionmhais mu dheireadh.

Thuirt Tulloch gu bheil an teachd a-steach aca air a dhol suas còrr agus 5% agus gu bheil iad air 50 cosnadh ùr a chruthachadh.

Dh'innis iad gur e an trioblaid a th' aca aig an ìre seo gu leòr de luchd-obrach a tha freagarrach fhastadh.

Thuirt stiùiriche na companaidh, Seòras Friseal, gu bheil e air a dhòigh leis na figearan ùra seo, agus gu bheil e misneachail mun bhliadhna a tha romhainn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh