Leasachadh luach £7m a dhìth air Taigh Baile Inbhir Nis

Taigh Baile Inbhir Nis Image copyright Kenneth Allen/Geograph
Image caption Chaidh Taigh Baile Inbhir Nis a thogail às ùr ann an 1878 agus tha e air a bhith na phàirt cudromach de phrìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Cosgaidh e còrr is £7m Taigh Baile Inbhir Nis a chàradh, a rèir aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean a' bhaile an ath-sheachdain.

Tha coltas ann gu bheil an togalach ann an staid nas miosa na bhathar an dùil.

Chaidh Taigh Baile Inbhir Nis a thogail às ùr ann an 1878 agus tha e air a bhith na phàirt cudromach de phrìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Anns an là an-duigh, 's ann san togalach seo a tha Comataidh Baile Inbhir Nis a' cumail nan coinneamhan aca.

Chaidh an obair-càraidh mhòr mu dheireadh a dhèanamh air an togalach ann an 1956.

Obair-càraidh

An-uiridh, chaidh làn-sgrùdadh a dhèanamh air an togalach. Sheall sin gum feumar am mullach a chàradh, uinneagan ùra a chur ann agus càradh a dhèanamh air a' chlachaireachd.

Tha manaidsear na pròiseict a' moladh gun tèid an obair a dhèanamh thairis air na còig bliadhna a tha romhainn, a' tòiseachadh as t-Earrach an ath-bhliadhna.

Tha dùil gun cosg an obair £7.2m agus tha Alba Aosmhor air a ràdh gun cuir iad £500,000 ris a' phròiseict.

Tha ceist ann fhathast cò às a thig an còrr den airgead.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile