Standard Life ag ullachadh airson Alba fhàgail

Togalach Standard Life Image copyright Other
Image caption 'S iad Standard Life a' chiad chompanaidh mhòr Albannach a th' air innse gu bheil iad ag ullachadh airson Alba fhàgail ma thèid bhòtadh 'son neo-eisimeileachd.

Thuirt a' chompanaidh Standard Life gu bheil iad ag ullachadh phlanaichean airson iad fhèin a ghluasad a-mach à Alba, ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Mura biodh aonadh-airgid ann, tha am BBC a' tuigsinn gun gluaiseadh a' chompanaidh a Shasainn.

'S iad a' chiad chompanaidh Albannach a th' air innse gum fàgadh iad an dùthaich.

Nuair a thèid aithisg bhliadhnail Standard Life fhoillseachadh Diardaoin, canaidh cathraiche na companaidh, Gerry Grimstone, gu bheil Alba air a bhith na dachaigh mhath dhan chompanaidh.

Dìon

Ach, nan tachradh rudeigin a bhiodh a' cur sin ann an cunnart, canaidh Mgr Grimstone gum biodh e deònach rud sam bith a dhèanamh airson a' chompanaidh a dhìon agus, mar phàirt den sin, gum b' urrainn dhaibh pàirt den obair aca a ghluasad air falbh bho Alba uile gu lèir.

A rèir Àrd-Oifigeir na companaidh, David Nish, tha obair air tòiseachadh aig Standard Life gus companaidhean ùra a chlàradh gu h-oifigeil, taobh a-muigh Alba, a' toirt cothrom dhan chompanaidh cuid den obair aca a ghluasad nam biodh aca ri sin a dhèanamh.

Thathas ag ràdh nach gabh co-dhùnadh deireannach a dhèanamh an-dràsta air sgàth na mì-chinnt mun airgead a dheadh a chleachdadh ann an Alba neo-eisimeileachd, mun t-seòrsa de dh'ìrean rèidh a dh'fhaodadh a bhith ann, agus mar a bhiodh companaidhean leithid Standard Life air an riaghladh.

Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Ailig Salmond gun cosgadh e "na ceudan de mhilleanan notaichean" dhan chòrr den RA mura biodh cead aig Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh.

Bheireadh cùisean leithid na cìsean a dh'fhaodadh a bhith air peinnseanan agus sàbhalaidhean cuideachd buaidh air a' cho-dhùnadh dheireannach.

Tha am BBC a' tuigsinn ge-tà, gu bheil an co-dhùnadh gu mòr a' crochadh air a bhith a' faighinn aonta fhoirmeil eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte airson an Not a chleachdadh mu thuath agus mu dheas.

Aonadh-airgid

Ghluais an deasbad mu neo-eisimeileachd gu ìre ùir nuair a thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, nach gabhadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri aonta foirmeil air cleachdadh an Not.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil beachdan Standard Life a' dearbhadh na buannachd a thigeadh le aonadh-airgid a bhith eadar an dà dhùthaich.

Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, gur e Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte as coireach ris a' mhì-chinnt mu airgead agus cìsean, leis nach eil iad deònach pàirt a ghabhail ann an deasbad mun chùis.

A thuilleadh air Standard Life, thuirt Banca Rìoghail na h-Alba, a nochd call mòr Diardaoin, gun robh iadsan a' measadh dè a bhuaidh a bhiodh aig bhòt taobh-seach-taobh san referendum air an obair aca, ged a bhiodh e ceàrr dhaibh a dhol an sàs san deasbad.

Thuirt Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, gun robh mòran chompanaidhean ann a dh'fhaodadh Alba neo-eisimeileach fhàgail.

Canaidh cuid gu bheil an naidheachd às ùire bho Standard Life a' sealltainn na dh'fhaodadh tachairt ma tha Mgr Osborne ceart.

Deasbad

Gu ruige seo, tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gun tig freagairtean eadar-dhealaichte bho Lunnainn ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Tha iad air sin a mhìneachadh ann an dà dhòigh fa-leth.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond gun cosgadh e "na ceudan de mhilleanan notaichean" dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte mura biodh cead aig Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh.

Cuideachd, às aonais aonadh-airgid, tha riaghaltas Dhùn Èideann air a ràdh nach biodh Alba deònach gabhail ri pàirt de dh'fhiachan na Rìoghachd Aonaichte.

Image copyright PA
Image caption Thuirt Seòras Osborne nach gabhadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri aonta foirmeil air cleachdadh an Not.

Chuireadh an suidheachadh sin gu mòr ris na fiachan a bh' aig a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte agus bhiodh cosgais mhòr na lùib do gach duine ann an Sasainn a bhios a' pàigheadh chìsean.

Ach, a dh'aindeon sin, tha Seòras Osborne fhathast a' cumail a-mach gu bheil aonta foirmeil do-dhèanta.

Leis na Làbaraich agus na Lib-Deamaich cuideachd a' cur taic ris an Aonadh, tha an t-uallach a' fàs air Mgr Salmond, 's na pàrtaidhean dùbhlanach a' ceasnachadh co-dhiù biodh Riaghaltas na h-Alba deònach na poileasaidhean aca atharrachadh, gu h-àraid a thaobh cleachdadh an Not - a bheil "Plana B" ann?

Le companaidh mhòr, ainmeil, chliùiteach leithid Standard Life ag ràdh gur dòcha gum biodh cosnaidhean a' falbh ann an Alba, dh'fhaodadh gun toireadh aithisg na buidhne buaidh mhòr air deasbad an referendum.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile