Co-dhearbhadh: dùil ri bhòt theann

Coinneach MacAsgaill Image copyright PA
Image caption Tha dùil gur e bhòt teann a bhios ann, ach tha Mgr MacAsgaill den bheachd gum faigh an riaghaltas buaidh.

Thèid bhòt a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin mu bhith a' cur às do cho-dhearbhadh, no corroboration.

Bhiodh am plana connspaideach a' ciallachadh nach fheumadh fianais a nochdadh air beulaibh cùirt a bhith air a dhearbhadh le fianais eile.

Tha Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, ag ràdh gu bheil an riaghailt gum feum fianais a nochdas anns a' chùirt a bhith air a dhearbhadh le pìos fianais eile a' ciallachadh gu bheil mòran dhaoine ann nach eil a' faighinn ceartas, gu h-àraidh le cùisean drabastachd agus dochann san dachaigh.

Chuir na poilis agus luchd-casaid an taic ris a' mholadh, ach tha mòran eòlaichean, leithid luchd-lagha, na aghaidh.

Rabhadh

Tha mòran bhritheamhan air rabhadh a thoirt gum faodadh "cuir às do cho-dhearbhadh iomraill cheartais adhbharachadh".

Chaidh am Morair Bonomy, a bha na bhritheamh, fhastadh airson sùil a thoirt air dè bu chòir a bhith san lagh, an àite co-dhearbhaidh, airson dìon a chur air daoine bho dhìteadh ceàrr.

Tha dùil gur e bhòt theann a bhios ann, ach tha Mgr MacAsgaill den bheachd gum faigh an Riaghaltas buaidh.

Tha dùil cuideachd gun tig na pàrtaidhean dùbhlanach còmhla ann oidhirp stad a chur air planaichean an riaghaltais.

Tha na Tòraidhean, na Làbaraich, na Lib-Deamaich agus na h-Uainich airson cur às dhan mholadh fhad 's a thèid làn sgrùdadh a dhèanamh air.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile