Mì-thoileachas le planaichean a' Cho-op
- Air fhoillseachadh

Tha fearg air luchd-gnothachais air an Tairbeart sna Hearadh agus e air tighinn am bàrr gu bheil an Co-op airson bùth ùr fhosgladh sa bhaile.
Tha dragh mòr orra mun bhuaidh a bheireadh sin air na gnìomhachasan aca fhèin.
Tha iad cuideachd mì-thoilichte gu bheil Urras Ceann a Tuath na Hearadh air a bhith a' bruidhinn ris a' bhuidhinn mu dheidhinn a' mholaidh.
Chaidh coinneamh bhliadhnail gu math sradagach aig Urras Ceann a Tuath na Hearadh a chumail o chionn beagan làithean.
Mì-thoileachas
Bha an luchd-gnothachais a bha an làthair gu math mì-thoilichte leis na planaichean.
Tha e air a thighinn am follais gun do sgrìobh an Co-op chun an Urrais san Lùnastal an-uiridh a' lorg làraich fhreagarraich, agus gun deach còmhraidhean a chumail eatorra.
Tha luchd nam bùithdean ag ràdh, ma 's e 's gun tig an Co-op a-steach, gun cuir e crìoch orra-san.
Thuirt an t-Urras gun robh cùisean aig ìre gu math tràth fhathast agus nach biodh iad air cùisean a ghluasad air adhart gu ìre mhòir sam bith gun innse do dhaoine agus do luchd nam bùithdean dè bha a' tachairt, gus cothrom a thoirt dhaibh am beachd a thoirt seachad.
Chaidh aontachadh aig a' choinneimh bhliadhnail conaltradh a dhèanamh leis an t-sluagh a dh'fhaicinn dè am beachd a th' aig daoine air a' chùis.