Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Standard Life

Thuirt aon de na companaidhean as motha an Alba, Standard Life, gu bheil iad ag ullachadh airson earrainn den obair a ghluasad a-mach às Alba ma thèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd. Thuirt a' chompanaidh tasgaidh, a th' air a bhith stèidhichte an Alba bho chionn faisg air 200 bliadhna, gum feum iad dìon a chur orra fhèin, leis gu bheil mì-chinnt ann mu aonta air riaghladh a' ghnìomhachais, siostam an airgid, agus cìsean. Thuirt a' chompanaidh nach eil iad a' cur taic ri taobh sam bith ann an seadh phoileataigeach. Thuirt an iomairt airson neo-eisimeileachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh an dearbh shoilleireachaidh 's a tha Standard Life air ceistean an airgid agus cìsean, agus gur iad Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus an iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd as coireach nach eil freagairtean ann leis gu bheil iad a' diùltadh pàirt a ghabhail ann an deasbad air a' chùis.

RBS

Bha call de £8.2bn ro-chìsean air Banca Rìoghail na h-Alba an-uiridh. A dh'aindeoin sin chuir am banca, a bhuinneas anns a' mhòr-chuid do luchd-pàighidh nan cìsean £577m an dara taobh airson bònas do luchd-obrach.

An Ugràin

Thuirt Oifigich ann an sgìre a' Chrimea ann an ceann a deas Ugràin gun do ghabh luchd-gunna smachd air pàrlamaid na sgìre, agus togalach an Riaghaltais. Tha brataich na Ruis os cionn an dà thogalach a tha sin sa phrìomh baile Simferopol. Tha 150,000 saighdear Ruiseanach air a' chrìch ris an Ugràin, agus tha eacarsaich airm a' dol air adhart anns an sgìre.

Corp Chaoil Àcainn

Tha na Poilis air duine a chaidh fhaighinn marbh san Eilean Sgitheanach an-uiridh ainmeachadh. B' esan Ailean Younger, a bha 48, 's a bhuinneadh do Chathair Calltainn ann am Fìobha. Chaidh a chorp fhaighinn air a' chladach ann an Caol Àcainn, faisg air Drochaid an Eilein, san t-Samhain an-uiridh, ach a dh'aindeoin rannsachaidh fharsainn, dh'fhailich air na Poilis aig an àm dearbhadh cò e gus an deach iomairt as ùr a dhèanamh aig toiseach na bliadhna seo. Chan eil dad amharasach mu bhàs Mhgr Younger, agus thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Sgoiltean Sgitheanach

Thòisich co-chomhairleachadh air trì sgoiltean air taobh siar-thuath an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh, agus an cur còmhla ri sgoil ùir ann an Dùn Bheagain. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach eil ann ach moladh aig an ìre seo bun-sgoiltean an t-Sruthain, Bhatarnais agus an Aodainn Bhàin a dhùnadh, agus nach e co-chomhairleachadh foirmeil a th' ann. Ach tha dragh anns na sgìrean sin mun chron a dh'fhaodadh e a dhèanamh orra.

An Tairbeart

Tha luchd-gnothaich air an Tairbeart anns na Hearadh mì-thoilichte 's e air tighinn am follais gu bheil an Co-op airson bùth fhosgladh sa bhaile. Tha dragh orra mun bhuaidh a bheireadh sin orrasan, agus tha iad mì-thoilichte cuideachd gu bheil Urras Ceann a tuath na Hearadh air a bhith a' bruidhinn ris a' Cho-op mun phlana.