Corp Chaoil Àcainn ga ainmeachadh

Tha na poilis air duine a chaidh fhaighinn marbh anns an Eilean Sgitheanach an-uiridh ainmeachadh.
B' esan Ailean Younger, a bha 48, agus a bhuineadh do Chathair Calltainn ann am Fìobha.
Chaidh a chorp fhaighinn air a' chladach ann an Caol Àcainn faisg air Drochaid an Eilein san t-Samhain an-uiridh.
Ach a dh'aindeoin rannsachaidh fharsainn dh'fhailich air na Poilis dearbhadh cò e, gus an deach iomairt as ùr a dhèanamh aig toiseach na bliadhna seo.
Chan eil dad amharasach mu bhàs Mhgr Younger agus thèid athaisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.