BBC Naidheachdan

Aiseagan an asgaidh

Published
Thèid 8,000 ticead aiseig a thoirt do dhaoine an asgaidh airson am brosnachadh gus tadhal air eileanan na h-Alba.
Tha an iomairt, anns a bheil VisitScotland, CalMac agus Serco NorthLink Ferries an sàs, mar phàirt de Bhliadhna an Tilleadh Dhachaigh.
Gheibh daoine na ticeadan tro bhaileat air-loidhne sa Mhàrt.
Chan eil fada bho chaidh Leòdhas agus na Hearadh ainmeachadh le TripAdvisor mar an t-eilean as fheàrr anns an Roinn Eòrpa airson luchd-turais.
Gheibh daoine air cur a-steach airson ticead air an làraich aig VisitScotland.