Cha chumar Barralive am-bliadhna

Cha tèid an fhèis-chiùil Barralive a chumail am-bliadhna.

Thàinig air Fèis Bharraigh, a tha ga ruith, a cur dheth is iad ag ràdh gun do dh'fhàs an fhèis cho mòr 's gu bheil iad feumach air tuilleadh taic.

Ma gheibh iad an taic sin ge-tà, tha iad an dòchas gum bi Barralive air ais an ath-bhliadhna.

"Tha sinn an dòchas gum bi 15 no 16 mìosan againn airson obrachadh air feuchainn ri buidheann fhaighinn a dh'obraicheas còmhla rinn agus a chuireas an fhèis air n-ais, air sàilleabh 's e rud math dha-rìribh a th' ann dhan eilean," thuirt Màiri Anna Fhearghasdan, a tha na ball de chomataidh Fèis Bharraigh.

"Bhiodh e na chall mòr mura tachradh e."