Ospadail Shrath Spè gan atharrachadh

Thèid ospadal ùr a chosgas £12m a thogail anns an Aghaidh Mhòir, le dà ospadal eile anns an sgìre gan dùnadh.

Tha dùil gun tèid làrach an ospadail ùir a thaghadh aig coinneimh NHS na Gàidhealtachd Dimàirt.

Sàbhailidh na planaichean còrr air millean not sa bhliadhna.

Bidh Ospadal an Naoimh Vincent ann an Ceann a' Ghiuthsaich agus Ospadal Iain Theàrlaich ann am Baile nan Granndach a' dùnadh.