Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Tha feachdan Ruiseannach a ghabh smachd air port-adhair ann an Crimea air urchairean a losgadh dhan iarmailt mar rabhadh do 300 saighdear Ugràinianach a bha ag obair aig a' phort-adhair, agus a bha ag iarraidh an cuid obrach air ais. Cha robh armachd sam bith aig na h-Ugràinianaich a bha a' caismeachd dhan phort-adhair.

Bidh Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, a' coinneachadh ri ceannardan ùra na h-Ugràin ann an Kiev an-diugh, agus oidhirp mhòr a' dol air adhart aig ìre dhioplòmasaich air fuasgladh fhaighinn dhan t-suidheachadh. Thuirt Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, aig coinneimh-naidheachd na bu tràithe an-diugh, gur e àr-a-mach mì-laghail a bh' anns an Ugràin. Thuirt e gu bheil e a' tuigsinn carson a tha muinntir na dùthcha sin ag iarraidh atharrachaidh san riaghaltas aca, ach thuirt e nach urrainn dhan Ruis àite sam bith a thoirt do dh'atharrachadh mì-laghail.

Patrick Rock

Chaidh fear a bha ag obair do Dhàibhidh Camshron a chur an grèim fo amharas mu ìomhaighean drabasta de chloinn òig. Dh'fhàg Patrick Rock a dhreuchd mar leas-cheannard air poileasaidh aig Sràid Downing goirid mus deach a chur an grèim aig a dhachaigh air a' mhìos a chaidh. Bha e am measg oifigeach a bha ag obair air sgeama airson drabastachd chloinne a thoirt far an eadar-lìn.

Oscar Pistorius

Tha luchd-lagha dhan lùth-chleasaiche às Afraga a Deas, Oscar Pistorius, air a bhith a' ceasnachadh prìomh-fhianais air an dàrna là den chùis-lagha ann am Pretoria. Tha Pistorius a' dol às àicheadh gun do mhuirt e a leannan Reeva Steenkamp anns a' Ghearran an-uiridh, nuair a loisg e oirre le gunna. Tha esan a' cumail a-mach gun robh e den bheachd gun do loisg e air cuideigin a bh' air bristeadh a-steach dha a dhachaigh.

Inbhir Nis

Thàinig fàs den chòigeamh cuid air Inbhir Nis air an deich bliadhna mu dheireadh, 's tha prìomh bhaile na Gàidhealtachd ao-coltach cuideachd ri mòran eile den dùthaich far a bheil an sluagh a' fàs nas sine. Tha aithisg a thèid gu Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh ag ràdh gum bu chòir aois cuimseach òg an t-sluaigh a bhith a' tarraing chompanaidhean dhan sgìre.

Èirisgeigh

Chaidh fios air na Poilis an dèidh tachartais ann an Èirisgeigh air an deireadh-sheachdain far an deach dà bhàt-iasgaich fodha. Thuirt dàibhearan a rinn sgrùdadh gun deach bristeadh a-steach do thè de na bàtaichean. Chaidh am bàta sin, an Quest, agus bàta eile Reul a' Chuain fodha aig pontùn air an eilean Disathairne. Chaidh Reul a' Chuain a thogail mar thà, agus tha iad fhathast ag obair air an Quest a thogail far grunnd na mara.