BBC Naidheachdan

Clàr Cruinne ùr anns a' Phàirc

Published
image copyrightDòmhnall MacLeòid
image captionDh'innis Mgr MacLeòid 580 abhcaid taobh a-staigh uair de thìde.
Rinn fear à Steòrnabhagh ann an Leòdhas a' chùis air Clàr na Cruinne a bhriseadh airson an àireamh as motha de dh'abhcaidean innse taobh a-staigh uair de thìde.
Dh'innis Dòmhnall MacLeòid, no Donnie Maroot mar as fheàrr a dh'aithnichear e, 580 abhcaid san uair de thìde aige aig Taigh-Òsta na Pàirce ann an Glaschu oidhche Chiadain, 's e a' togail airgid do charthanas.
On Chèitean 2005, b' ann aig an fhear-comadaidh Astràilianach, Anthony Lehmann, a bha an cunntas as àirde, le 549 abhcaid.
Bha an cunntas as àirde cuideachd aig an fhear-comadaidh Sasannach Tim Vine roimhe.
Tha Mgr MacLeòid ag obair mar achdaire aig a' chompanaidh Scottish Friendly.
'S e fhèin a sgrìobh na h-abhcaidean air fad.
Thèid an t-airgead a chaidh a thogail gu Dachaigh-chùraim Bhethesda an Steòrnabhagh, Taigh na Hearadh air an Tairbeart, Tagsa Uibhist am Beinn nam Fadhla agus Cobhair Bharraigh ann am Bàgh a' Chaisteil.