£1m de thaic-airgid do Chamas Crois
- Air fhoillseachadh

Gheibh pròiseact coimhearsnachd ann an Slèite san Eilean Sgitheanach £1m de thaic-airgid bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta.
Tha Iomairt Chamas Chrois agus Dhùisdeil airson ionad a thogail anns am bi talla, bùth agus àite-bìdh.
Chan e a-mhàin gun d' fhuair iad an t-sùim as motha a dh'fhaodas an Crannchur Nàiseanta a thoirt do choimhearsnachd, choisinn iad cuideachd £200,000 a bharrachd airson an t-ionad a ruith mar ghnìomhachas seasmhach.
"'S e clach-mhìle dha-rìribh a tha seo," thuirt Cathraiche Iomairt Chamas Chrois agus Dhùisdeil, Mark Wringe.
"'S tha mi ag ràdh gur e clach-mhìle a th' ann, oir chan eil sinn aig ar ceann-ùidhe fhathast.
"Tha a-nise timcheall air dà thrian den airgead a bhiodh a dhìth airson cosgaisean uile gu lèir a' phròiseict.
"Tha sin a' ciallachadh gu bheil a leth uiread 's a tha an Crannchur Nàiseanta a' gealltainn ri thogail bho bhuidhnean eile.
"Tha e a' dol a chuideachadh gu bheil an Crannchur Nàiseanta air làn-earbsa a chur anns a' phròiseact agus anns na comasan a th' anns a' choimhearsnachd seo," thuirt e.
Bidh suas ri seachd obraichean làn-ùine gu bhith an lùib a' phròiseict.
Tha a' bhuidheann an dòchas gum bi togalach fosgailte air an làraich ann an 2016/17.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt 2014