Taigh-staile ga thaisbeanadh anns na Hearadh

  • Air fhoillseachadh
Uisge-beatha
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Isle of Harris Distillers an dòchas gum bi mac-na-braiche Hearach air a' mhargaidh an ceann 10 bliadhna.

Bha planaichan airson taigh-staile ùr anns na Hearadh rim faicinn aig taisbeanadh air an Tairbeart Diciadain.

Tha Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba am measg na tha a' cur taic-airgid ris a' phròiseict air an Tairbeart, a chosgas mu £10m.

Tha Isle of Harris Distillers an dòchas gum bi mac-na-braiche Hearach air a' mhargaidh an ceann 10 bliadhna.

Thuirt Iain Murchadh MacIlleMhoire, fear às an sgìre a bh' aig an taisbeanadh: "Tha mise a' smaoineachadh gum bi e cho èifeachdach agus cho feumail ri rud a thachair ann an seo bho chionn fhada an t-saoghail.

"Ged nach biodh ann ach an dreach a chuireas e air a' bhaile. Tha bliadhnaichean on chaidh am bàgh sin a lìonadh a-steach agus cha robh càil a' tachairt," thuirt Mgr MacIlleMhoire.

Thuirt Mgr MacIlleMhoire gun robh Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd aig aon àm am beachd taighean a thogail air an làraich, ach gun robh muinntir na sgìre air a bhith fada na aghaidh.

Bhathar an uair sin, agus gus an là an-diugh, a' sùileachadh pròiseict a bhiodh math 'son eacaonamaidh na Hearadh, agus thathar toilichte gur e sin a tha a-nis a' tachairt.

Luchd-turais

Coltach ri Taigh-staile Talasgair san Eilean Sgitheanach, tha dùil gun tarraing an taigh-staile ùr mòran dhaoine do na Hearadh.

"Ma thig iad cho fada ri Talasgair, thig iad dha na Hearadh," bheachdaich Mgr MacIlleMhoire.

A thaobh turasachd, thuirt e gum biodh an taigh-staile math mar àite dhan deadh luchd-turais air là fliuch, 's e glè fhaisg air làimh.

Chaidh fhoillseachadh san taisbeanadh gu bheil an sgìre air leth freagarrach airson an leithid seo de phròiseict - an t-uisge agus an aimsir am measg nam feartan as cudromaiche.

Cha b' e seo a' chiad làrach a chaidh a thaghadh anns na Hearadh. Bhathar an toiseach a' coimhead air làraich air taobh thall a' Chliseim, ach cha robh an t-uisge an sin freagarrach.

Cosnaidhean

Tha coltas gun tèid 20 cosnadh a chruthachadh san taigh-staile agus, ann an sgìre leithid na Hearadh, 's e naidheachd mhòr a tha sin.

"Thig obraichean ach cha mhair iad ach airson bliadhna, no dà bhliadhna.

"Tha sinn a' dol a dh'fhaicinn 20 duine a' faighinn obair anns na Hearadh, 's a' togail teaghlaichean.

"'S e rud mòr, mòr a tha sin agus an cois rud mar seo, thig tòrr de bhuannachdan eile agus fàsaidh rudan timcheall air.

"Tha a h-uile càil a' fàs às aona sìol beag mar siud, agus nì e feum," thuirt Mgr MacIlleMhoire.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh