Maoim-slèibhe aig an Rest and Be Thankful
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Bear Scotland
Tha maoimtean-slèibhe a' fàs nas bitheanta air an earrainn sin den rathad.
Chaidh an A83 a dhùnadh a-rithist aig an Rest and Be Thankful às dèidh maoime-slèibhe tron oidhche.
Às dèidh sgrùdadh a dhèanamh madainn Diardaoin, tha luchd-einnsinnìridh air co-dhùnadh gu bheil cunnart ann gum bi maoim-slèibhe eile ann is nach fosgail an rathad aig an ìre seo.
Tha airson seann rathad an airm ri taobh an A83 air fhosgladh mar sheach-shlighe, ach bidh dàil fhathast air trafaig.