Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ugràin

Tha a' Phàrlamaid ann an Crimea a' dol a chumail referendum an ceann deich là a cho-dhùineas a bheil iad airson a bhith nam pàirt den Ruis. Chuir Mosgo feachdan dhan sgìre, a tha an-dràsta na pàirt den Ugràin, an dèidh do Cheann-suidhe na h-Ugràin teicheadh às an dùthaich air a' mhìos a chaidh. Thuirt Riaghaltas eadar-amail na h-Ugràin gum biodh e an aghaidh bun-reachd na dùthcha Crimea a ghluasad dhan Ruis.

'S tha ceannardan na h-Eòrpa sa Bhruiseil an-diugh airson coinneimh èiginn eile mun Ugràin. Thàinig còmhraidhean ann am Paris gu ceann an-raoir, gun aonta air an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ris an t-suidheachadh. Thuirt Dàibhidh Camshron an-diugh gum feum an t-Aonadh Eòrpach leigeil fhaicinn do Mhosgo nach gabh iad idir ris na rinn an Ruis ann an sgìre Chrimea.

Shell

Thuirt Àrd-Oifigeach na companaidh ola Shell gu bheil esan ag iarraidh Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Ben van Beurden gu bheil e cuideachd a' cur luach air àite na Rìoghachd Aonaichte anns an Aonadh Eòrpach.

Airgead na h-Alba

Dh'iarr Rùnaire na h-Alba Alasdair MacIlleMhìcheil air Riaghaltas na h-Alba plana eile ullachadh airson siostam airgid a bhiodh Alba neo-eisimeileach a' cleachdadh. Tha esan ag ràdh gum feum Coimisean Fiosgail Riaghaltas na h-Alba a tha a' coinneachadh an-diugh, roghainn eile ullachadh leis gun tuirt na prìomh phàrtaidhean ann an Westminster nach eil iad deònach an Not a roinn. Thuirt Cathraiche a' Choimisein, Crawford Beverage, gu bheil esan an ìre mhath cinnteach gum fuirich an Coimisean aig plana airson aonadh-airgid stèidhichte air an Not.

Comhairlean Eileanach

Dh'iarr dithis le eòlas air a' chuspair atharrachadh ann an structair ùghdarrasan ionadail nan sgìrean eileanach. Thuirt an comhairliche Leòdhasach Dòmhnall Crichton, agus e a' bruidhinn ann an sreath aithrisean rèidio air buaidh referendum na neo-eisimeileachd air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, gum bu chòir dha na sgìrean eileanach caidreachas nan ùghdarrasan ionadail, Cosla, fhàgail. Agus thuirt Ruairidh Moireach, a bha na àrd-chomhairliche sna h-Eileanan an Iar, gum bu chòir Comhairle na Gàidhealtachd a sgaradh na dà leth gus am bi na h-eileanan nas dlùithe ri taobh siar na Gàidhealtachd.

An A83

Tha rathad an A83 ann an Earra-Ghàidheal dùinte a-rithist le maoim-slèibhe air an Rest and Be Thankful. Chaidh seann rathad an airm fhosgladh mar shlighe timcheall air sin, ach tha na h-uimhir de mhaill air an trafaig leis gu bheil siostam convoy ann.

Modaràtair na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

'S e an t-Urr. Ailean Moireach, a bhuinneas do Shiabost ann an Leòdhas an ath-Mhodaràtair air an Eaglais Shaoir Leantainnich. 'S e am ministear a bha air coithional Bhrùra gus an do dh'fhàg e a dhreuchd anns an t-Samhain an-uiridh.