Gàidheal an ath-Mhodaràtair

An t-Urr. Ailean Moireach Image copyright FCC
Image caption Buinneadh an t-Urr. Ailean Moireach do Shiabost ann an Leòdhas.

'S e an t-Urr. Ailean Moireach, a bhuinneas do Shiabost ann an Leòdhas an ath-Mhodaràtair air an Eaglais Shaoir Leantainnich.

'S e am ministear a bha air coithional Bhrùra gus an do dh'fhàg e a dhreuchd anns an t-Samhain an-uiridh.

Thug e a-mach ceum ann am fiaclaireachd aig Oilthigh Ghlaschu, mus deach e an lùib na ministrealachd.