Dràibhear-tacsaidh a' call cead fad mìos

Tacsaidh Image copyright PA
Image caption 'S i a' Ghaeilge cànan màthaireil an dithis bhalach.

Chaidh dràibhear-tacsaidh a chuir daoine a-mach às a' charbad aige airson Gaeilge a bhruidhinn a chur far a chuid obrach fad mìos.

Chan eil cead a-nis aig Ailean MacFhionghain luchd-siubhail a ghiùlain fad mìos, agus thèid a chur air cùrsa modh, an dèidh dha daoine a bha a' bruidhinn sa Ghaeilge a chur a-mach às a charbad.

Chaidh fios a chur air Comhairle Baile Ghlaschu an dèidh mar a thog teaghlach an dithis bhràithrean, Antoin agus Joe de Blárach, a tha 21 agus 19 agus às Dún na nGall, gearain gun deach an cur a-mach às a' charbad, a bha leis a' chompanaidh Hampden Cabs, goirid ron Nollaig an-uiridh.

Ghabh Mgr MacFhionghain ris gun robh e air cùmhnantan a' chead aige a bhriseadh, aig èisteachd mu choinneimh Comataidh Ceadachaidh na Comhairle Diciadain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo