Àrdachadh air luchd-siubhail aiseig

MV Isle of Lewis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption A-mach às na 27 slighean a th' aig CalMac, thàinig àrdachadh san àireamh de dhaoine a bha a' cleachdadh 18 dhiubh.

Tha Caledonain Mac a' Bhriuthainn air foillseachadh gun do sheòl 84,000 duine a bharrachd air na h-aiseagan aca an-uiridh, an coimeas ri 2012.

A dh'aindeoin Geamhradh cho garbh 's a bh' ann o chionn bhliadhnaichean, thàinig àrdachadh cuideachd san àireamh de chàraichean a chaidh a ghiùlain.

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn (CalMac) Diciadain gun do sheòl 4,594,520 luchd-siubhail air na h-aiseagan aca an-uiridh, agus gun do ghiùlain iad 1,064,324 carbad.

A dh'aindeoin 's gun deach 1,200 seòladh a chur dheth san dà mhìos mu dheireadh den bhliadhna ri linn droch shìde, thàinig àrdachadh de faisg air 84,000 san àireamh de luchd-siubhail agus àrdachadh de 19,000 san àireamh de charbadan.

Carbadan coimearsalta

Aig a' cheart àm, thàinig lùghdachadh san àireamh de charbadan coimearsalta air na slighean eadar Ùig, an Tairbeart agus Loch nam Madadh, agus eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Chaidh an àireamh de charbadan coimearsalta eadar Bàgh a' Chaisteal 's an t-Òban an-àirde còrr is 20%.

A-mach às na 27 slighean a th' aig CalMac, thàinig àrdachadh san àireamh de dhaoine a bha a' cleachdadh 18 dhiubh.

Thòisich dà sgeama pìleat ùr ann an 2013: Àird Rosain gu Ceann Loch Chille Chiarain, agus Loch Baghasdal gu Malaig, seirbheis air an tug droch shìde buaidh gu tric.

Shiubhail cha-mhòr 10,000 duine air an t-slìghe phìleat eadar Àird Rosain agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Thuirt Labhraiche bho ChalMac nach robh iad air rannsachadh mionaideach a dhèanamh air na h-adhbharan airson nam figearan seo.

Chithear na figearan air fad air làrach-lìn ChalMac.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile