Tubaist mhairbhteach ann an Siorrachd Rois
- Air fhoillseachadh
Chaochail aon duine agus chaidh duine eile a dhroch ghoirteachadh às dèidh do chàr agus motor-baidhsagal bualadh na chèile air an A9.
Thachair an tubaist aig ceann-rathaid Alanais ann an Siorrachd Rois, mu 8:50f Oidhche Ardaoin.
Bha an dìthis le chèile a' siubhal air a' mhotor-baidhsagal. Cha deach dràibhear a' chàr a ghoirteachadh.
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.