BBC Naidheachdan

Co-chomhairleachadh poblach mu ionadan seirbheis

Published
image captionTha a' Chomhairle air innse gun cuir iad gluasad air adhart airson 's gun tèid co-chomhairleachadh poblach a dhèanamh air a' chùis.
Thèid beachdan a' phobaill a shireadh co-dhiù am bu chòir dà thrian de dh'ionadan-seirbheis Comhairle na Gàidhealtachd a dhùnadh.
Tha an naidheachd a' tighinn agus comataidh den Chomhairle air aontachadh an t-seachdain seo chaidh gun deadh an dùnadh.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh a-nis ge-tà, gun tèid na planaichean a-rithist a dheasbad leis an Làn-Chòmhairle an ath-sheachdain.
Le mòran air mì-thoileachas a nochdadh mu na planaichean, thuirt ceannard na Comhairle gu bheil iad airson èisteachd a thoirt do dhaoine.

Co-dhùnaidhean

An-dràsta, tha 35 ionadan-seirbheis a' frithealadh air coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.
An t-seachdain seo chaidh, cho-dhùin Comataidh Ionmhais, Taigheadais agus Ghoireasan na Comhairle gun deadh 23 dhiubh sin a dhùnadh.
Dh'fhàgadh sin gum biodh aig cuid de dhaoine ri còrr is 100 mìle a shiubhail airson bàs, breith no banais a chlàradh.
Dh'iarr na neo-eisimeilich gun deadh a' chùis a dheasbad aig coinneamh den Làn-Chomhairle an ath-sheachdain, gus cothrom a thoirt do Chomhairlichean am beachdan a chur air adhart.

Co-chomhairleachadh poblach

Tha a' bhuidheann riaghlaidh a-nis air innse gun cur iad gluasad air adhart airson 's gun tèid co-chomhairleachadh poblach a dhèanamh air a' chùis.
Mairidh an co-chomhairleachadh poblach 15 mìosan, agus thèid sgrùdadh a dhèanamh air gach ionad-seirbheis fa-leth le buidhinn thar-phàrtaidh na Comhairle.
Chaidh ceannard na Comhairle, Drew Hendry, às àicheadh gun robh iad air an inntinn atharrachadh agus thuirt e gun robh iad ag èisteachd ri beachd an t-sluaigh.
Thèid a' chùis a dheasbad aig coinneamh den Làn-Chomhairle Diardaoin seo tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Deasbad mu ionadan seirbheis na Gàidhealtachd