Molaidhean bho Chomataidh nan Cùisean Albannach

Cumhachd nan tonn
Image caption Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar gur e glè bheag den teachd-a-steach aig Oighreachd a' Chrùin a tha tighinn air ais do na h-Eileanan, no do sgìrean dùthchail.

Bu chòir smachd a bhith aig Alba air na cladaichean is grunnd na mara, a tha an-dràsta an urra ri Oighreachd a' Chrùin, a rèir Comataidh Thaghte nan Cùisean Albannach aig Westminster.

Tha a' Chomataidh cuideachd ag ràdh gum bu chòir cumhachd a bhith air a roinn a-mach gu comhairlean agus buidhnean coimhearsnachd.

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, nach robh teagamh sam bith gun dèanadh coimhearsnachdan feum de chòirichean air na cladaichean agus grunnd na mara.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gun robh Oighreachd a' Chrùin mar-thà air beagan adhartais a dhèanamh: "Tha obair air a dhol air adhart anns na h-Eileanan an Iar, agus sgìrean oirthir eile timcheall air Alba.

"Tha sin air feum a dhèanamh, ach bhiodh tòrr a bharrachd feum air a dhèanamh nam biodh an stòras gu lèir a' tighinn fo smachd nan ùghdarrasan ionadail," thuirt e.

Feallsanachd

Thuirt Mgr Dòmhnallach cuideachd gu bheil feallsanachd na Comataidh ceangailte gu mòr ris an fheallsanachd a th' aig Comhairle nan Eilean Siar a thaobh "Ar n-Eileanan ri Teachd" - 's e sin gun tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh aig ìre ionadail.

"Bu chòir do na co-dhùnaidhean sin a bhith air an dèanamh aig ìre cho ionadail sa ghabhas agus chan ann aig ìre riaghaltais, gach cuid ann an Dùn Èideann agus ann an Lunnainn," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Bheachdaich a' Chomataidh Thaghte cuideachd gu bheil Oighreachd a' Chrùin an-dràsta air a ruith airson Roinn an Ionmhais, an àite nan daoine.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gur e glè bheag den teachd-a-steach aig Oighreachd a' Chrùin a tha tighinn air ais dha na h-Eileanan, no dha na sgìrean dùthchail.

"Bhiodh sinne an dòchas gun tigeadh an stòras sin a thoirt do na h-ùghdarrasan ionadail ann an Alba, agus gun tigeadh feum nas fheàrr a dhèanamh den t-airgead," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile