Ceann-là tòiseachaidh air ainmeachadh

MV Loch Seaforth
Image caption Bidh am bàta comasach air seòladh a là 's a dh'oidhche, agus gabhaidh i 700 neach-siubhail, 143 càr agus 20 carbad coimearsalta.

'S ann air an 8mh là den t-Sultain a thòisicheas am bàt'-aiseig ùr, MV Loch Seaforth, air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Chaidh a togail gu sònraichte airson na slighe.

Gabhaidh i 700 neach-siubhail, 143 càr agus 20 carbad coimearsalta.

Tha an MV Isle of Lewis, a th' air a bhith air an t-slighe bho 1995, air na h-uimhir de thrioblaidean fhulang sna bliadhnaichean a dh'fhalbh agus i gu tric san doc airson obair-càraidh.

Bidh an soitheach ùr nas motha na an Isle of Lewis agus comasach air seòladh nas luaithe.

Ged a bha e na bhriseadh-dùil nach biodh i ann na bu tràithe, airson luchd-turais an t-Samhraidh, chuir cathraiche Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, fàilte air an naidheachd.

"Deagh naidheachd dha-rìribh.

"Bha dùil gum biodh i againn na bu luaithe, ach tha sinn taingeil gu bheil i air an t-slighe," thuirt Mgr MacAoidh.

Cur air bhog

Thèid an soitheach a chur air bhog sa Ghearmailt an ath-sheachdain, mus tòisichear air deuchainnean mara.

A thaobh clàr-ama an aiseig, dh'innis Mgr MacAoidh gun do choinnich a' Chomhairle ri CalMac Diluain.

"Am beagan soillearachd a fhuair sinne, 's e gu bheil iad a' dol a chumail a' chlàr-ama a th' aig an Isle of Lewis an-dràsta airson dhà no trì mhìosan.

"Bithear a' sealltainn an uair sin ris a' chlàr-ama aice fhèin, mar gum biodh," thuirt Mgr MacAoidh.

Nuair a thòisicheas an soitheach ùr, a thuilleadh air a' bhàta bathair, an MV Clipper Ranger, thèid an Isle of Lewis a chumail ann an Steòrnabhagh gun fhios nach tèid càil ceàrr.

"Tha sinn gu bhith cho math dheth 's gu bheil trì bàtaichean gu bhith againn aig an aon àm," thuirt Mgr MacAoidh.

Image copyright Geograph/Steven Brown
Image caption Thòisich obair air cidhe Steòrnabhaigh o chionn ghoirid.

Obraichean

Dh'innis Mgr MacAoidh cuideachd gur dòcha gum biodh obraichean ri fhaighinn air a' bhàta ùr - rud a bhiodh math dha na h-Eileanan, na bheachd-san.

Thèid coinneamhean a chumail ann an Steòrnabhagh Dimàirt: coinneamh de bhuidhinn aiseig na Comhairle agus de luchd-cleachdaidh nan aiseagan.

Thèid bruidhinn, am measg eile, mun obair a tha ri dhèanamh air na cidheachan ann an Steòrnabhagh agus Ulapul.

Thòisich obair air cidhe Steòrnabhaigh o chionn ghoirid agus tha cidhe Ulapuil aig ìre nas adhartaiche.

Ged a tha mòran obrach fhathast ri dhèanamh, tha a' Chomhairle dòchasach gum bi e dèante ron 8mh den t-Sultain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile