Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bob Crow

Chaochail Bob Crow, ceannard Aonadh na Rèile, na Mara agus Còmhdhail, an RMT. Tha e coltach gur e bàs aithghearr a thàinig air Mgr Crow, a bha 52, na dhachaigh ann na Woodford ann an Lunnain, tràth sa mhadainn an-diugh. Bha e na Àrd-Rùnaire air an RMT airson còrr is 12 bliadhna.

Mailèisia

Chaidh leudachadh gu cost an iar Mhailèisia air an rannsachadh airson a' phlèan a chaidh às an t-sealladh Disathairne, air an t-slighe à Kuala Lumpur gu Beijing. Tha naoi dùthchannan a-nis a' gabhail pàirt anns an iomairt airson an itealan Boeing 777, air an robh 239 duine, agus beachd ann a-nis ann gun do dh'atharraich i a slighe airson tionndadh air ais gu Kuala Lumpur.

Co-op

Tha Àrd-Oifigeach a' Cho-Op, Eòghann Mac an t-Sutharlanaich, ag ràdh gum fàg e a dhreuchd mura gabh luchd-stiùiridh ri plana leasachaidh do thrioblaidean na buidhne. Tha e coltach cuideachd gu bheil e mì-thoilichte gun deach fiosrachadh a sgaoileadh mu a thuarasdal fhèin.

Faslann

Tha ceudan den luchd-obrach air stailc an-diugh aig ionadan cabhlachd Faslann agus Port a' Chaoil air Linne Chluaidh, agus iad a' diùltadh àrdachadh pàighidh bho Babcock Marine. Thuirt Babcock Marine gur e àrdachadh reusanta a th' ann an 2%, agus gu bheil iad air a bhith a' tabhann àrdachadh os cionn ìre na h-atmhorachd airson na trì bliadhna mu dheireadh.

Dùnrath

Bheir Ministear na h-Àrainneachd, Richard Lochead, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh mu thrioblaid le rèididheachd ag aodion aig ionad deuchainn a' Chablaich Rìoghail ann an Dùnrath. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gun do dh'fheuch Ministreachd an Dìon ri sin a chumail falach orra. Tha an MoD ag ràdh gun deach innse do Bhuidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, SEPA.

Ugràin

Tha coinneamh ann an Lunnainn an-diugh eadar na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach, a' deasbad casg-bhannan nas cruaidhe air an Ruis airson a h-armachd a chur an sàs ann an sgìre Chrimea san Ugràin. Thuirt an Fhraing gum faodadh casg-bhannan a chur an sàs an ath-sheachdain, ma ghabhas referendum ann an Crimea air an deireadh-sheachdain ri uachdranas na Ruis.

MV Loch Seaforth

'S ann air an 8mh là den t-Sultain a thòisicheas am bàt'-aiseig ùr, an Loch Seaforth, eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, an dèidh dhith a dhol tro dheuchainnean mara air an t-Samhradh. Thuirt comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar gu bheil iad a' coimhead air adhart ris a' bhàta ùr, an dèidh na trioblaid leis an Isle of Lewis air a' Gheamhradh seo.