Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga sna h-Eileanan
- Air fhoillseachadh
Chaidh comataidh a thaghadh airson meur de Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga a stèidheachadh às ùr anns na h-Eileanan an Iar.
Bha coinneamh ann an Leòdhas oidhche Luain far an deach bruidhuinn mu chuid de na duilighdeasan a tha aig gnìomhachasan beaga agus ciamar a ghabhadh dèiligeadh leotha.
Tha am meur ùr fo stiùir Thormoid L. MhicLeòid à Steòrnabhagh.
"Tha sinn an dèidh a bhith ag obair air seo o chionn deich bliadhna a-nise, bho chaidh am meur mu dheireadh a-mach à bith," thuirt Hamish Friseal, bhon Chaidreachas.
"Chaidh bruidhinn air faraidhean aiseig, timcheall air RET. 'S e briseadh dùil a bh' ann nuair a dh'fhalbh pàirt dheth sin.
"Tha sin air maill a chur air daoine a bhith a' tighinn dha na h-Eileanan a tha seo, a thuilleadh air nach fhaod daoine a bhith a' bùcadh air-loidhne airson a dhol air na h-aiseagan.
"Cuideachd a' chosgais a tha an lùib a bhith a' toirt stuth a-mach dha na h-Eileanan airson a bhith a' ruith gnìomhachais, tha sin a' cur dragh mòr orra," thuirt e.