"A h-uile coltas ann" gum feumadh RBS gluasad a Shasainn

Mark Carney Image copyright AP
Image caption Bha Mark Carney a' toirt fianais do Chomataidh Thaghte an Ionmhais ann an Taigh nan Comantan.

Thuirt Riaghladair Bhanca Shasainn gu bheil "a h-uile coltas ann" gum feumadh Banca Rìoghail na h-Alba gluasad a Shasainn, nam bhòtadh muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd.

Bha Mark Carney a' toirt fianais do Chomataidh Thaghte an Ionmhais ann an Taigh nan Cumantan.

Fo riaghailtean na h-Eòrpa, thuirt e gum feum prìomh oifis bhanca a bhith stèidhichte san dùthaich anns a bheil an àireamh as motha de dhaoine le cunntasan aca.

Thuirt e gum biodh na riaghailtean sin fìor do Bhanca Rìoghail na h-Alba nan deadh Alba neo-eisimeileach na ball den Aonadh Eòrpach.

Cha robh Mgr Carney airson a ràdh nach eil e a' cur taic ri, no gu bheil e a' moladh, aonadh airgid ann an Alba neo-eisimeileach.

Chuir Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba fàilte air "neo-phàirteachd" Mhgr Carney, ach tha an iomairt "Nas Fheàrr Còmhla" air a ràdh nach gabh beachdan nan Nàiseantach mu aonadh airgid a chreidsinn.

Ro-bhreithneachadh

Na theisteanas do Bhuill-Phàrlamaid Westminster, thuirt Mgr Carney "nach bu chòir dha ro-bhreithneachadh" a dhèanamh mu shuidheachaidhean an dèidh neo-eisimeileachd.

Am measg cheistean na Comataidh, dh'fhaighnich am BP Tòraidheach, Andrea Leadsom, co-dhiù am biodh aig Banca Rìoghail na h-Alba ri ghluasad gu deas, nam bhòtadh Alba "Bu chòir" agus nan deadh i na ball den Aonadh Eòrpach.

A' freagairt na ceiste, thuirt Mgr Carney: "Tha a h-uile coltas ann gum feumadh, ach cha bu chòir dhomh ro-bhreithneachadh a dhèanamh."

Thug Mgr Carney rabhadh gum faodadh inbhe nam bancaichean a bhith an urra ris an t-suidheachadh eadar Alba neo-eisimeileach agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Ceist phoileataigeach

A thaobh aonadh airgid eadar Alba neo-eisimeileach agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte, thuirt an riaghladair gur e "ceist phoileataigeach a chaidh a dhiùltadh le na prìomh phàrtaidhean" a th' ann.

Image caption Dh'fhaodadh inbhe nam bancaichean a bhith an urra ris an t-suidheachadh eadar Alba neo-eisimeileach agus a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Mgr Carney cuideachd: "Chan eil mi aig àm sam bith air a ràdh nach eil mi a' cur taic ri, no gu bheil mi a' moladh, aonadh airgid."

Dh'fhaighnich Ms Leadsom am biodh aig Alba ri airgead ùr Albannach a stèidheachadh mus gabhadh i ballrachd san Euro, mar roghainn eile seach an Not a chleachdadh.

Thuirt Mgr Carney gun robh sin an urra ri "riaghailtean Eòrpach" agus co-dhiù am biodh an còrr den Rìoghachd Aonaichte, às aonais Alba, fhathast air fhaicinn mar bhall den Aonadh Eòrpach.

Thuirt e gum feumadh Alba tagradh a dhèanamh mar stàit ùr airson ballrachd anns an Aonadh Eòrpach.

Mar thagradh sam bith eile, thuirt e, bhiodh dùil gun deadh tagradh a dhèanamh, rè ùine, a dhol dhan Euro.

Aonadh Eòrpach

Tha Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barosso, air a ràdh gum faodadh e a bhith do-dhèanta do dh'Alba ballrachd a chosnadh san Aonadh Eòrpach.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, ge-tà, gun deach na h-uimhir de dhùthchannan a leigeil a-steach leis an Aonadh Eòrpach mar thà, 's gum faighear air "dòigh phragmatach" a lorg do dh'Alba cuideachd.

Thuirt labhraiche bhon iomairt "Nas Fheàrr Còmhla" gum biodh e feumail do mhuinntir na h-Alba dearbhadh fhaighinn bho Mhgr Salmond mu "Phlana B".

"Am biodh againn ri tagradh a dhèanamh a dhol dhan Euro, mar a thuirt Mgr Carney, no am biodh againn ri airgead ùr Albannach a stèidheachadh?"

Thuirt Stewart Hosie bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba: "Tha mi toilichte gun do dhaingnich an riaghladair "neo-phàirteachas" Bhanca Shasainn a thaobh neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt e gun robh e soilleir gur bheil seasmhachd a dhìth gus aonadh airgid shoirbheachail a stèidheachadh.

A rèir Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, tha fianais ann gum biodh aonadh airgid eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte dona, gach cuid do dh'Alba neo-eisimeileach agus dhan Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Mgr Alexander nach robh burraidheachd neo cealgaireachd de sheòrsa sam bith a' dol air adhart mun chùis, a dh'aindeoin ghearainean nan Nàiseantach gun robh sin a' tachairt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile